Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Jo Cox

Tha brataich aig leth-chrann os cionn Sràid Downing, Lùchairt Bhuckingham, Pàrlamaid na h-Alba agus air feadh Whitehall an dèidh murt a' bhuill-phàrlamaid Làbaraich, Jo Cox - ball sgìre Batley 's Spen - na roinn-pàrlamaid fhèin ann an Yorkshire an-dè. Chuir a' Bhanrìgh teachdaireachd phearsanta gu a banntrach, Brendan. Rinn luchd-poileataigs bho ghach taobh luaidh oirre agus, mar urram dhith, chaidh iomairt referendum an Aonaidh Eòrpaich a chuir an dàrna taobh chun a-maireach. Tha fear a tha leth-cheud bliadhna 's dhà a dh'aois an greim. Chaidh ainmeachadh anns an sgìre mar Tommy Mair- fear aig a bheil eachdraidh de thrioblaid le a shlàinte inntinn.

Thuirt am ball-pàrlamaid Làbarach, Stephen Timms, gum bu chòir dhan na polais comhairle a thoirt air buill-phàrlamaid an dèidh na thachair do Jo Cox. Chaidh ionnsaigh le sgithinn a thoirt air Mgr Timms e fhèin ann an Lunnain ann an 2010, agus thuirt e gun do bhruidhinn polais ris a h-uile ball-pàrlamaid aig àm na h-ionnsaigh sin.

Fo-thaghadh

Chùm na Làbaraich greim air roinn-pàrlamaid Tooting ann an Lunnain ann am fo-thaghadh a chaidh a ghairm nuair a chaidh Sadiq Khan a thaghadh mar mhear air a' bhaile. Chuir Rosena Allin-Khan trì mile gu leth eile ris a' mhòr chuid a bh' aig na Làbaraich air na Tòraidhean.

Croitearachd

Thuirt Cathraiche Comataidh Chroitearachd Chomhairle nan Eilean Siar gu bheil mòran air earbsa a chall ann an Coimisean na Croitearachd. Thuirt Ùisdean Robasdan gum bu chòir do bhuill a' Choimisein gu lèir beachdachadh air am pàirt fhèin san àimhreit mun dòigh sa bheil comataidhean ionaltraidh a' roinn airgid, agus e air tighinn am follais gu robh eadar-dhealachadh anns a' chomhairle a bha an Comisean a' cuir a-mach air a' chùis. Thuirt an Comisean gum bi iad a' cuir comhairle às ùr a-mach a dh'aithghearr dhan na comataidhean ionaltraidh.

Stagecoach

Thàinig dearbhadh bho Stagecoach an-diugh gur e cosgaisean mòr 's coireach gu bheil iad a' dùnadh làrach nam busaichean aca ann an Dùn Dè. Dùnaidh an t-ionad air a' cheathramh là deug den Lùnasdal. Thuirt Stagecoach gum bi a' mhòr-chuid den luchd-obrach a' gluasad a dh'àiteachan eile sa chompanaidh agus nach toir seo buaidh mhòr sam bith air na seirbheisean aca.

Imrichean

Chaidh còrr 's dà cheud gu leth luchd-imrich a thoirt far bàta a bha a' dol fodha sa Mhuir Mheadhan Thìrich, faisg air cost' an iar dheas na Grèige. Rugadh leanabh do bhoireannach a bha air a' bhata goirid an deidh cobhair a dhèanamh oirre.

Luth-chleasachd

Tha buidheann riaghlaidh an luth-chleasachd, an IAAF, a' coinneachadh ann am Vienna feasgar a cho-dhùnadh am bi an Ruis a' dol dhan na h-Olympics ann an Rio san Lùnasdal. Chaidh casg bho fharpais eadar-nàiseanta air an Ruis agus casaidean ann gu bheil mòran de luth-chleasaichean na dùthcha sin a' gabhail dhrugaichean mì-laghail le làn chead na stàite.