Dragh às ùr mu Nurs Ratharsair

Inbhir Àrois, Ratharsair

Tha fear a rugadh 's a thogadh ann an Ratharsair den bheachd nach eil Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ag iarraidh nurs fhastadh dhan eilean.

Bha John Willie MacGhillÌosa a' bruidhinn agus muinntir na sgìre an dòchas gun tèid riochdairean an NHS gu coinneimh san eilean an ath-sheachdain.

Tha e ag ràdh cuideachd gu bheil suidheachadh èiginneach air a bhith ann air na mìosan a chaidh seachad.

"An naidheachd mu dheireadh a chuala mise co-dhiù, 's ann gu bheil iad a' feuchainn ri coinneamh a chumail a-bhos ann an seo fhèin anns an eilean le NHS na Gàidhealtachd," thuirt e.

Colbhasa

"Ach tha iadsan ag iarraidh coinneamh a chumail anns an Ath Leathann, agus buidhnean eile a thoirt a-steach dhan deasbad cuideachd.

"Ach 's e an rud a tha sinne ag iarraidh a-bhos ann an seo, gum faigh sinn daoine bhon NHS a-bhos ann an seo agus gum freagair iad ceistean a th' againn ri chur mu choinneimh nan daoine sin airson dè tha a' dol a thachairt le nurs anns an eilean.

"Tha feum aig an eilean a tha seo air nurs làn-ùine, agus chan eil dòigh eile air an rud a dhèanamh airson sàbhailteachd mhuinntir Ratharsair, gum bi iad sàbhailte anns na taighean aca fhèin.

"Nuair a chuir iad sanas a-mach airson nurs fhaighinn an seo, rinn iad a-mach gun robh e cho cunnartach ann an dòigh nurs a thighinn a Ratharsair.

"Beathaichean fiadhaich air an rathad mhòr, 's rathaidean caola, 's iad cho cunnartach cuideachd, 's gum feumadh i a dhol a-mach leatha fhèin ann an droch shìde 's a h-uile dad eile.

"An uair sin, thàinig e a-mach cuideachd gun robh iad ag iarraidh nurs fhastadh ann an Colbhasa, agus rinn iad a-mach gur e fear de na h-àiteachan a b' fheàrr dha duine sam bith a dhol a dh'fhuireach.

"Dè an diofar eadar seo agus Colbhasa? No carson a chuireadh iad a-mach sanas diofraichte airson an dà eilean?

"Ach cha d' fhuair sinn freagairt airson sin riamh.

"'S ann air sgàth sin a tha sinn ag iarraidh coinneamh a chumail ann an Ratharsair, gun cuir muinntir an àite ceistean air na daoine sin, feuch am faigh iad an fhìrinn a-mach àsta.

Drochaid

"Tha litrichean a' dol air ais 's air adhart, puist-d a' dol air ais 's air adhart, ach chan eil sinn a' faighinn coinneimh ann an Ratharsair.

"Tha mìosan an-dràsta bho bha an tè mu dheireadh ann an seo.

"Chan eil sinn a' faighinn air na ceistean a chur ris na daoine, agus chan eil sinn a' faighinn na fìrinne. Sin agad an rud as cudromaiche - chan eil iad ag innse na fìrinne.

"Feumaidh sinn sin fhaighinn a-mach.

"'S e an rud a tha sinn a' faicinn, chan eil iad ag iarraidh nurs a chur an seo làn-ùine.

"Tha a h-uile duine, tha iad a' smaoineachadh an-dràsta, a' tòiseachadh aig 09:00m, agus an uair sin a' dol dhachaigh aig 5:00f.

"Tha gu leòr nach urrainn an obair a dhèanamh mar sin, 's bha nurs againn ann an seo riamh, fhad 's is cuimhne leamsa.

"Bha iad a' fuireach anns an àite, 's bha iad a' dol a-mach, a' fuireach anns a' choimhearsnachd mar a tha a h-uile duine eile, 's iad a' frithealadh air an daoine - sin an obair a bh' aca.

"Agus chan urrainn dha daoine obrachadh mar sin.

"Faodaidh daoine a bhith tinn aig uair sam bith den là.

"Ma tha iad a' feuchainn ri dhèanamh a-mach gu bheil iad a' dol a dh'obair an seo eadar 09:00m agus 5:00f, chan eil an sin ach glè bheag de na 24 uairean san là.

"Chan eil fhios agam an dèanadh seirbheis eile, ge b' e dè tha iad ag ràdh, an dèanadh e an gnothach ann an seo.

"'S e eilean a tha seo. Ma tha thu anns an Eilean Sgitheanach, tha dà ospadal san Eilean Sgitheanach. Tha dotairean a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach - chan eil fhios agam co mheud a th' ann am Port Rìgh dhiubh, seachdnar no ochdnar no rudeigin mar sin.

"Ma th' aca ri falbh, faodaidh iad falbh uair sam bith. Tha drochaid ann gu Tìr-Mòr.

"Tha diofar mòr eadar seo agus an t-Eilean Sgitheanach. Tha iadsan ag iarraidh, an rud a tha iad a' dèanamh san Eilean Sgitheanach, gun dèan e an gnothach a-bhos ann an seo.

"Cha dèan e an gnothach," thuirt e.

Thathas a' feitheamha ri feargairt bho NHS na Gàidhealtachd.