Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Warsi

Tha a' Bhana-Mhorair Warsi, a bha na cathraiche air a' Phàrtaidh Thòraidheach, ag ràdh gu bheil i air a beachd atharrachadh 's gu bheil a-niste a' cur taic ris an iomairt airson fuireach anns an Aonadh Eòrpach. Tha ise a' fàgail air pàirtean den iomairt airson falbh às an AE, gu bheil iad a' sgaoileadh gràin cinnidh. Chuir ceannard UKIP, Nigel Farage, dìon air postair air a bheil dealbh de mhòran luchd-imrich. Thuirt Mgr Farage gur e dealbh fìrinneach a th' aair a' phostair a tha ag ràdh gum feum Breatainn smachd a ghabhail air a crìochan.

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba ag ràdh gum faodadh an NHS agus còirichean luchd-obrach a bhith ann an cunnart nam fàgadh an Rìoghachd Aonaichte an AE. Tha Nicola Sturgeon a' cumail a-mach gun gluaiseadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nas fhaide chun na làimhe deise, agus gum biodh an eaconamaidh nas laige. Thuirt an iomairt airson fàgail nach eil Ms Sturgeon ach a' feuchainn ris an eagal a chur air luchd-bhòtaidh.

Jo Cox

Tillidh a' Phàrlamaid ann an Westminster feasgar an-diugh a dhèanamh luaidh air a' bhall Làbarach, Jo Cox, a chaidh a mhurt Diardaoin seo chaidh. Tha dùil ris an duine a tha fo chasaid gun do mhuirt e i, Tòmas Mair, anns a' chùirt an-diugh.

RMT

Tha an t-aonadh RMT a' togail fianais aig prìomh oifisean Scotrail ann an Glaschu an-diugh, là mus tòisich sreath stailcean. Tha buill an aonaidh ag ullachadh airson stailce a-màireach 's iad a' gearain mu phlanaichean airson trèanaichean air nach biodh luchd-obrach sam bith eile ach dràibhear.

Afganastan

Chaill 14 duine am beatha ann an spreadhadh fèin-mhairbhteach Taliban ann an Kabul, prìomh bhaile Afganastan. Chaidh ochdnar a mharbhadh ann an spreadhadh eile ann an ceann an ear-thuath na dùthcha.

Nurs Ratharsair

Tha fear de mhuinntir Ratharsair den bheachd nach eil Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ag iarraidh nurs fhastadh dhan eilean. Thuirt John Willie MacGillÌosa, a rugadh 's a thogail ann an Ratharsair, gur e nurs làn-ùine, a' fuireach san eilean, an aon fhuasgladh a th' ann air an t-suidheachadh, agus dh'iarr e air riochdairean an NHS a dhol gu coinneimh mun chùis ann an Ratharsair an ath-sheachdain.

Rabhadh Maoraich

Sgaoil Comhairle nan Eilean Siar rabhadh mu àrdachadh de phuinnsean ann am maorach ann an Loch Shìophoirt, Loch an Tairbeirt agus Loch Stocanais anns na Hearadh. Thuirt iad gum bu chòir do dhaoine maorach a sheachnadh anns na lochan sin agus far an cladaichean.