Rabhadh maoraich sna Hearadh

Feusgan Image copyright EPA

Sgaoil Comhairle nan Eilean Siar rabhadh mu àrdachadh de thruailleadh ann am maorach à Loch Shìophoirt, Loch an Tairbeirt an Ear agus Loch Stocanais anns na Hearadh.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil cunnart an lùib a bhith ag ithe maoraich, leithid fheusgan, shrùpan no mhuirsgean às na lochan sin do shlàinte dhaoine.

Thuirt iad gum bu chòir maorach às na lochan sin, no bho an cladaichean, a sheachnadh.

Chaidh sanasan a chur an-àirde leis an rabhadh do dhaoine a bhios a' togail maoraich dhaibh fhèin sna sgìrean sin.

Chuireadh fios cuideachd air luchd-togail maoraich phroifeasanta, le ro-innleachd ga cur an sàs togail a chur dheth gus an crìon ìrean de liananaich.

Tha a' Chomhairle a' cumail sùil air an t-suidheachadh, agus thèid na rabhaidhean a thoirt a-nuas nuair a thig piseach air ìrean de liananaich.