Airgead ga thional airson Hiort
- Air fhoillseachadh

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba air iomairt a chur air chois, an oidhirp airgead a thogail airson obair ghlèidhteachais ann an Hiort.
Tha 30 bliadhna ann o chaidh na h-eileanan a chomharrachadh mar Ionad Dualchais na Cruinne.
Tha an t-Urras a' cosg £270,000 sa bhliadhna air Hiort, a th' air a bhith bàn o 1930.
Chaochail an neach mu dheireadh a rugadh air Hiort am-bliadhna, aois 93.
Rugadh Raonaid NicIain san eilean anns an Iuchar 1922, agus bha i ochd bliadhna de dh'aois nuair a dh'fhàg na daoine air 29mh an Lùnastal 1930.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 An Giblean 2016