Iarrtas airgid-dhìolaidh do dh'iasgairean na Lighe Ratharsairich

An Lighe Ratharsaireach Image copyright Peter Paalvast/Geograph
Image caption Rachadh an sgìre mhara a leudachadh cho fada ri Eilean Rònaigh.

Dh'iarr iasgairean na Lighe Rathasairich airgead-dìolaidh bho Mhinistearalachd an Dìon agus iad airson leudachadh a dhà uimhir a dhèanamh air an sgìre mhara.

Rachadh an sgìre a leudachadh cho fada ri Eilean Rònaigh.

'S ann san Lighe Ratharsaireach a tha an uisge cladaich as doimhne ann am Breatainn - agus cuideachd far a bheil na muasgain-chaola as motha air a' chosta an iar rim faighinn.

Bheireadh seo buaidh air 19 iasgairean. Tha ceathrar dhiubh sin ag ràdh gun cuireadh iad an cùl ris a' ghnìomhachas buileach glan, agus rannsachadh a' sealltainn gun cailleadh eaconamaidh na sgìre £500,000 sa bhliadhna nan deadh an leudachadh air adhart.

Eaconamaidh na Comraich

Bhiodh an còrr ag iasgach far chladaichean na Comraich, far a bheil iasgairean ag obair mar thà.

"Bidh co-dhiù sia bàtaichean ag obair chliabh san sgìre a thèid a dhùnadh, agus tha mise ag obair ri taobh na sgìre sin," thuirt Alasdair MacLeòid, a tha na iasgair air a' Chomraich.

"Feumaidh na clèibh seo a dhol a dh'àite air choireigin, agus thig iad a-steach don sgìre far a bheil mise ag obair mar thà, ga lìonadh le clèibh.

"Thig crìonadh air na ghlacas mi, oir bidh fada a bharrachd acainn agus chliabh san uisge a' glacadh nam muasgan-caola.

"Bhithinn an dùil ri call teachd-a-steach eadar 10% agus 20%.

"Ma thèid cìolo de mhuasgan-caola a reic air £9 air a' Chomraich, tha e a' toirt a-steach luchd-turais a bhios a' fuireach san àite, a' dol dha na bùithdean san àite, a chosgas tìde san sgìre.

"Mus fhàg an neach-turais, bidh an £9 sin luach 's dòcha £40 do dh'eaconamaidh na Comraich," thuirt e.

Chan eil an naidheachd a' cur iongnadh sam bith air Eoghain MacCoinnich, a bha e fhèin fad bhliadhnaichean ag iasgach far chladach Ratharsair.

Nuair a dh'fhosgail an MOD an t-ionad aca anns a' Chaol anns na 1960an, b' e an dearbh strì a bha mu choinneimh-san.

"Tha cuimhne agam a bhith aig coinneimh, bho chionn iomadh bliadhna dar a shìn iad ann an seo an toiseach, coinneamh a bh' aig na h-iasgairean ri fir an nèibhidh, agus thuirt aon iasgair "'s iads' a tha gu bhith ann, agus chan e na h-iasgairean", thuirt e.

"Agus an rud a thuirt an duine, thionndain e a-mach cho ceart 's a ghabhadh a bhith.

"'S ann mar sin a tha fhathast, agus chan eil atharrachdainn sam bith air.

"Ma tha iads' ga iarraidh, bios iads' ann," thuirt e.

Tha an MOD ag ràdh gum feum iad an sgìre mhara a leudachadh gus an gabh na cosnaidhean a tha a' crochadh air an ionad anns a' Chaol glèidheadh.

Tha còrr is 150 duine ag obair aig an ionad, agus uile gu lèir tha luach £3m ann.

Caillidh ge-tà, 13 duine a tha ag obair aig an ionad ann an Eilean Rònaigh an cosnadh. Tha a' bhuidheann ag ràdh gum faigh iad cosnadh an àite eile.

"Tha e uabhasach cudromach airson na sgìre air fad gum bi an t-ionad a' dol air adhart," thuirt tè de chomhairlichean na sgìre, Audrey Nic na Ceàrdaich.

"Ach ann an dòigh bhiodh e fada na b' fheàrr nam biodh iad a' lorg dhòighean airson na h-iasgairean agus an t-ionad a bhith ag obair le chèile ann an aon phìos uisge.

"Tha mi airson gun tig airgead dha na h-iasgairean, air sgàth 's gu bheil e doirbh dhaibh a bhith air am putadh a-mach às an sgìre," thuirt i.