Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Thuirt fear a bha ag obair do Dhàibhidh Camshron gun deach innse dhan Phrìomhaire ann an 2012 nach b' urrainn dha cumail ris na gheall e a thaobh in-imreachais. Thuirt Steve Hilton, a bha na stiùiriche air straiteididh dhan Phrìomhaire agus a tha ag iomairt airson falbh às an Aonadh Eòrpach, gu bheil an Riaghaltas a' mealladh dhaoine le bhith ag ràdh gun gabh in-imreachd gearradh gu nas lugha na 100,000 gach bliadhna le fuireach anns an AE. Thuirt Sràid Downing ge-tà, nach eil dearbhadh sam bith ann air na thuirt Mgr Hilton. Thuirt Allan Johnson, a bha na Rùnaire Dùthcha Làbarach agus a tha ag iomairt airson fuireach, gu bheil barrachd luchd-imrich a' tighinn a Bhreatainn bho thaobh a-muigh an AE na tha bhon taobh a-staigh.

A' Bheilg

Chaidh duine a chur an grèim anns a' Bhruiseil an dèidh rabhadh mu thèarainteachd. Thuirt na Poilis anns a' Bheilg gun d' fhuair iad fiosrachadh bho dhuine a bha a' maoidheadh e fhèin a spreadhadh aig ionad bhùthainnean. Cha d' fhuair na Poilis sgeul air boma no stuth spreadhaidh de sheòrsa sam bith.

Stailc Rèile

Tha stailc fad là air seirbheisean rèile Scotrail an Alba, agus Southern ann an Sasainn. Tha an t-aonadh RMT a' gearain mu phlaniachean aison trèanaichean air nach biodh luchd-obrach sam bith eile ach aon dràibhear. Tha na companaidhean ag ràdh nach dèan an stailc feum sam bith. Tha dùil ri stailc eile fad là a-rithist an-earrar.

Tidsearan

Tha aonadh luchd-teagaisg eile a' cumail baileat airson stailce co-cheangailte ris an uallach obrach a tha teisteanas sgoile ùr a' cur air tidsearan. Tha an SSTA ag ràdh gu bheil cus ga iarraidh air luchd-teagaisg. Thuirt an t-aonadh an EIS an t-seachdain seo chaidh gum bi buill a' seachnadh pàirt den obair àbhaisteach. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad ag amas air uallach obrach thidsearan a ghearradh. Ach tha na h-aonaidhean ag ràdh gun do bhris an Riaghaltas an gealltanas sin roimhe.

An Lighe Ratharsaireach

Dh'iarr iasgairean na Lighe Ratharsairich airgead-dìolaidh bho Mhinistearalachd an Dìon a th' airson raon nan deuchainnean aca a leudachadh gu a dhà uimhir. Tha an naidheachd a' tighinn agus rannsachadh a' sealltainn gun cailleadh an eaconamaidh ionadail £500,000 gach bliadhna, agus gun cuireadh feadhainn de na h-iasgairean cùl ris a' ghnìomhachas nan deadh an leudachadh a tha san amharc aig an MOD air adhart.