Cidhe ùr san amharc air Loch Obha

Loch Obha

Tha buidheann-teasairginn a chaidh a stèidheachadh gus Loch Obha a dhèanamh nas sàbhailte a-nise airson cidhe ùr a thogail.

Chaidh Lochawe Loch Watch a chur air chois bho chionn sia bliadhna, às dèidh tubaiste anns an do chaill ceathrar am beatha.

'S e Loch Obha an treas loch as fhaide an Alba. aig faisg air 26 mìle.

Tha e cuideachd cunnartach do bhàtaichean, le uspagan gaoithe cumanta.

Tha an loch cho fuar 's gu bheil eòlaichean a' tomhas nach mair duine beò san uisge còrr is deich mionaidean, fiù 's le seacaid-sàbhalaidh.

Tha mu cheud duine an sàs ann an Loch Watch, ag obair gu saor-thoileach.

Bho chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh cha deach beatha sam bith a chall san loch.

Tha iad a-nise feumach air cidhe freagarrach airson daoine a th' ann an èiginn a thoirt gu sàbhailteachd.

"'S e na tha san amharc againn airson a' chòig bliadhna a tha romhainn, laimrig a stèidheachadh air taobh an locha airson obair-chobhair, agus cuideachd fearann a cheannach faisg air ceann an locha, far a bheil càrn cuimhneachaidh don cheathrar fhireannach a bhàthadh anns a Mhàrt 2009, gus an gabh an càrn glèidheadh san àm ri teachd," thuirt Iain MacFhionnghain, bhon bhuidhinn.

Tha a' bhuidheann a' moladh do dhaoine a thèid a-mach ann am bàtaichean air Loch Obha seacaid-sàbhalaidh a chaitheamh, agus gun a bhith ag òl deoch-làidir ann am bàtaichean.

Tha iad cuideachd an dòchas Loch Watch a sgaoileadh gu lochan eile san sgìre.