Strachan an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh

Chuir manaidsear sgioba bhall-coise na h-Alba meal a naidheachd air cluicheadairean Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Leòdhas, a th' air a bhith anabarrach soirbheachail ann am farpais sgoiltean.
Ràinig sgiobannan bhon sgoil còig cuairtean deireannach de Chupa Chinn a Tuath na h-Alba, agus bhuannaich iad ceithir aca.
Bhuannaich a' chlann-nighean a bu shine an copan airson an t-siathamh bliadhna sreath a chèile.
Choinnich Strachan ri sgoilearan agus luchd-teagaisg aig an sgoil.
Tha an fharpais fosgailte dhan a h-uile àrd-sgoil an ceann a tuath na h-Alba.
Buaidh
Bhuannaich clann-nighean Sgoil MhicNeacail dà chopan - fear airson an fheadhainn òga agus fear airson nan sgoilearan a bu shine.
Shoirbhich leis na balaich a bu shine agus na balaich fo aois 14.
Ràinig na balaich fo 13 a' chuairt dheireannach aca-san cuideachd.
"Bliadhna air leth"
Thuirt Cathraiche an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar, Catriona Stiùbhart: "Tha sgiobannan Sgoil MhicNeacail air a bhith soirbheachail airson grunn bhliadhnaichean a-nis, ach 's e bliadhna air leth a tha seo.
"Cò aig a tha fios, 's dòcha gum faic sinn cuid aca a' cluiche dhan sgioba nàiseanta aon là."