Gunnaichean-adhair gan toirt seachad

Gunnaichean-adhair Image copyright Thinkstock

Chaidh barrachd ghunnaichean-adhair a thoirt dha na Poilis an ceann a tuath na h-Alba na àite sam bith eile san dùthaich tro lèir-laghadh anns an deach daoine a bhrosnachadh gus an armachd a chur bhuapa.

Air a' Ghàidhealtachd, anns na h-eileanan agus anns an earra-thuath, chaidh faisg air 3,000 gunna a thoirt seachad tron iomairt trì seachdainnean a chrìochnaich air an 12mh den Òg-mhìos.

Bidh ceadan riatanach airson ghunnaichean-adhair bhon 31mh den Dùbhlachd am-bliadhna.

Air feadh Alba, chaidh còrr air 11,500 gunna a thoirt seachad.

Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil iad toilichte le buil na h-iomairte, agus gum bi an dùthaich nas sàbhailte a-nis.

Ged a tha an iomairt seo seachad, thuirt na Poilis gun gabh iad gunnaichean gu deireadh na bliadhna.

Faodaidh daoine cur a-steach airson nan ceadan ùra bho 1mh den Iuchar.