Rannsachadh ga iarraidh air a' Choimisean

Col Uarach Image copyright Donald Lawson/Geograph

Sgrìobh cuid a bha air comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas litir fhosgailte gu ministear na croitearachd, Fearghas Ewing, a dh'iarraidh rannsachaidh neo-eismeilich air Coimisean na Croitearachd.

Tha seo às dèidh dhan Choimisean buill na comataidh a chur às an dreuchdan, agus argamaidean air èirigh mu cò a bha ceart san lagh.

"Sa chonaltradh a rinn sibh rinn o chionn ghoirid thuirt sibh gum bu chòir dèiligeadh ri gearainnean mu Choimisean na Croitearachd tro na pròiseasan àbhaisteach," tha an litir ag ràdh.

"Ann an suidheachadh àbhaisteach, bhiodh na pròiseasan a mhol sibh iomchaidh agus feumail.

Cùirt an Fhearainn

"Ach tha sinne gar lorg fhèin ann an suidheachadh neo-àbhaisteach, agus mar sin tha sinn ag iarraidh freagairt neo-àbhaistich on Riaghaltas.

"'S e an suidheachadh a tha mu ar coinneimh, gu bheil Coimisean na Croitearachd air co-dhùnaidhean farsainn, millteach a dhèanamh gu neo-laghail, a tha a' toirt buaidh air na comataidhean ionaltraidh, a th' air an taghadh gu deamocratach agus gu h-ionadail.

"Tha na co-dhùnaidhean seo air cur às don mhisneachd a bu chòir a bhith aig croitearan anns a' Choimisean, agus anns an Riaghaltas fo bheil a' bhuidheann ag obair.

"Gu follaiseach, chan urrainn dhuinn gabhail ri co-dhùnaidhean a rinn buidheann a tha ag obair ann an leithid de dhòigh."

Dh'fhoillsich am fear-lagha Brian Inkster, a tha mion-eòlach air lagh na croitearachd, beachd toiseach na seachdaine gun robh an Coimisean air a dhol an aghaidh toil na Pàrlamaid le an cuid cho-dhùnaidhean.

"Bha sinn a' smaoineachadh le chèile nuair a chuala sinn an sanas ud bho Bhrian Inkster, gun robh e air tighinn dhan àm a-nis gum bu chòir bruidhinn ris an Riaghaltas mu dheidhinn a' ghnothaich uile gu lèir," thuirt Coinneach Dòmhnallach, a bha air a' chomataidh.

"Oir chan eil sinn a' faicinn gu bheil tòrr de na tha an Coimisean a' dèanamh ceart no cothromach.

"Agus chan eil sinn a' tuigsinn cionnas a ghabhas a' chùis a thoirt gu ceann gun an Riaghaltas a thighinn a-steach a shealltainn ris a h-uile càil a th' air tachairt," thuirt e.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil a' chùis a tha an t-seann chomataidh a' togail ann an Cùirt an Fhearainn a' dol air adhart, ach gur dòcha nach lean e.

"Tha sin fhathast a' dol air adhart, ach 's mathaid gum bi e duilich dhuinn leantainn leis a' chùirt sin, oir tha e uabhasach cosgail," thuirt e.

"Agus sin aon de na gearainnean a bhios againn air dhuinn a bhith a' bruidhinn ris an Riaghaltas aig an àm seo, nach eil e ceart no dlìgheach gum bu chòir dhuinne mìltean notaichean a chur a-mach às ar pòcaidean fhèin airson rannsachaidh air ceistean duilich den leithid a tha an Coimisean air togail," thuirt e.

Anns an litir tha na croitearan ag iarraidh air an Riaghaltas na comataidhean ionaltraidh a chaidh a chur ma sgaoil a chur air ais ann an dreuchd, agus na constabail ionaltraidh a chuir an Coimisean nan àite a thoirt air falbh.

Tha iad cuideachd ag iarraidh air an Riaghaltas iadsan sa Choimisean a th' air a bhith an sàs a chur às an dreuchdan rè ùine, agus gun tèid rannsachadh neo-eisimeileach a dhèanamh.