Ath-chuinge mu BhBC ALBA
- Published
Tha taic air èirigh airson iomairt a tha ag iarraidh air a' BhBC deich uairean de thìde de phrògraman ùra a dhèanamh 'son BBC ALBA gach seachdain.
Thòisich am fear-iomairt, Art MacCarmaig, ath-chuinge an t-seachdain seo, is còrr air 400 air an ainmean a chur rithe thuige seo.
Tha a' bhuidheann MG ALBA mar thà air a ràdh gum bu chòir dhan BhBC barrachd phrògraman ùra a dhèanamh airson BBC ALBA.
Dh'iarr MG ALBA gum biodh deich uairean de thìde de phrògraman ùra ann gach seachdain, mar a tha am BBC a' dèanamh airson S4C sa Chuimrigh.
'S e dùblachadh a bhiodh an sin air na tha am BBC a' dèanamh an-dràsta.
Thuirt Mgr MacCarmaig nach eil airgead gu leòr ga chosg air BBC ALBA, is gu bheil cus ath-chraolaidhean ann.
Tha e ag iarraidh air Àrd-Stiùriiche a' BhBC, Tony Hall, is Cathraiche Urras a' BhBC, Rona Fairhead, co-dhiù 10 uairean de phrògraman ùra air BBC ALBA a thabhainn gach seachdain.
Dh'iarr e gum bi sin - agus goireasan a bharrachd dha BBC ALBA - air a sgrìobhadh ann an càirt ùr a' BhBC.