Go Gaelic
- Air fhoillseachadh
Eilidh NicLeòid ag aithris mun phròiseact Go Gaelic.
Tha òigridh a tha fileanta sa Ghàidhlig a' toirt cothrom do luchd-ionnsachaidh an cànan ionnsachadh le bhith a' clàradh dhealbhan-cluiche beaga a thèid a chleachadh ann am bun-sgoiltean air feadh Alba.
'S e Stòrlann Nàiseanta - a' bhuidheann a tha ag ullachadh stuth teagaisg sa Ghàidhlig - a tha gan cruthachadh.
Tha an obair cuideachd a' toirt cothrom do dheugairean sgilean - an dà chuid air beulaibh agus air cùl a' chamara ionnsachadh.