Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Thuirt Dàibhidh Camshron gur e dìon air eaconamaidh Bhreatainn an rud as cudromaiche ann an referendum an Aonaidh Eòrpaich a-màireach. Thuirt am Prìomhaire gu bheil a' phuing sin follaiseach ann an litir ris an do chuir còrr is mìle ceannard gnìomhachas an ainm, ag ràdh gun dèanadh falbh às an AE cron air malairt agus cosnaidhean ann am Breatainn. Tha fear de cheannardan na h-iomairt airson an AE fhàgail, Boris Johnson, a' siubhal air feadh Shasainn an-diugh. Ann an Lunnainn anns a' mhadainn thuirt e gu bheil an t-àm aig Breatainn càirdeas ùr a stèidheachadh ris a' chòrr de na dùthchannan Eòrpach, agus gum feumar briseadh air falbh bho shiostam an AE a tha "briste agus a' sìor fhàiligeadh" thuirt e.

Melissa Reid

Tha tè às Alba a bha sa phrìosan ann am Peru airson trì bliadhna an dèidh a diteadh airson a bhith a' cùiltearachd dhrogaichean, air a slighe air ais a Bhreatainn. Buinidh Melissa Reid, a tha 22 bhliadhna de dh'aois, do thaobh sear Dhùn Bheatainn. Chaidh a cur an grèim aig Port-adhair Lima ann an 2013 còmhla ri tè às Èirinn, agus iad air slighe dhan Spàinn le 10 cileagram de chocaine nam bagannan.

Coirea a Tuath

Rinn Coirea a tuath dà dheuchainn eile air urchairean ballistic, rud a tha casg-bhannan an UN a' toirmeasg dhaibh. Thuirt Coirea a Deas nach do dh'obraich a' chiad urchair, agus gun deach an dàrna tè mu 400 cileamatair mus tàinig e a-nuas anns a' mhuir.

Coimisean na Croitearachd

Sgrìobh feadhainn a bha nam buill air comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas litir fhosgailte gu Ministear na Croitearachd, Fearghas Ewing, ag iarraidh rannsachaidh neo-eisimeilich air Coimisean na Croitearachd. Tha seo an dèidh dhan Choimisean an cur às an dreuchd agus argamaid air èirigh an dèidh sin mu cò a tha ceart anns an lagh. Tha feadhainn a bha air a' chomataidh ann an Col Uarach ag ràdh gum feum an Riaghaltas a dhol an sàs anns a' chùis.

Oighreachd nam Bàgh

Tha dòchas ann air baileat ro dheireadh na bliadhna air Oighreachd nam Bàgh anns na Hearadh a cheannach dhan choimhearsnachd. Thuirt a' bhuidheann stiùiridh gun do rinn iad adhartas anns na beagan mhìosan mu dheireadh, agus gum bi iad ag iarraidh beachd na coimhearsnachd a dh'aithghearr air dè dh'iarradh iad a dhèanamh leis an fhearann. Thuirt iad gu bheil iad a' toirt misneachd cuideachd bho sgrùdadh air an airgead a tha an oighreachd a' tarraing a h-uile bliadhna.