Pàirce Fiadh-bheatha an Eilein Duibh ga dùnadh

Chaidh òrdugh dùnaidh air Pàirce Fiadh-bheatha an Eilein Duibh.

Cho-dhùin Bòrd Ceadachd na Gàidhealtachd gun robh laigsean mòra san dòigh san robh na beathaichean gan cumail.

Rinneadh sgrùdadh air a' phàirce an dèidh ghearainnean bhon phoball mu mhaith nam beathaichean agus mar a bhathas a' cumail an t-sù ann an òrdugh.

Dh'iarr a' Chomhairle an uair sin gun deadh sgrùdadh speisealta a dhèanamh le lìghiche-sprèidh a chuireadh Riaghaltas na h-Alba an sàs.

Thuirt an lìghiche-sprèidh sin: "...ri linn laigsean mòra a chaidh a lorg, agus dì-coileanadh air a' chuid as motha de chùmhnantan àbhaisteach, chan urrainn don sgioba sgrùdaidh moladh gum bi cead tuilleadh aig an t-sù seo."

Cha tèid an t-òrdugh a chur an sàs gu às dèidh 28 làithean anns an gabh ath-thagradh a dhèanamh.

Thuirt a' Chomhairle gun lean iad ag obair gu dlùth le luchd-ruith an t-sù a dhèanamh cinnteach gu bheil aire cheart ga toirt do mhaith nam beathaichean agus gun gabh beathaichean a tha feumach air a ghluasad gu dachannan ùra.