Dùil ri baileat air Oighreachd nam Bàgh

  • Air fhoillseachadh
Bàigh na Hearadh

Tha dòchas ann air baileat ro dheireadh na bliadhna air Oighreachd nam Bàgh anns na Hearadh a cheannach dhan choimhearsnachd.

Thuirt a' bhuidheann stiùiridh gun do rinn iad adhartas anns na beagan mhìosan mu dheireadh, agus gum bi iad ag iarraidh beachd na coimhearsnachd a dh'aithghearr air dè dh'iarradh iad a dhèanamh leis an fhearann.

Thuirt iad gu bheil iad a' toirt misneachd cuideachd bho sgrùdadh air an airgead a tha an oighreachd a' tarraing a h-uile bliadhna.

Tha beagan is trì bliadhna bho chuir a' choimhearsnachd a' bhuidheann stiùiridh air chois gus an gabhadh rannsachadh a dhèanamh air co-dhiù ghabhadh an oighreachd ruith leis a' choimhearsnachd.

"Tha mi ag aideachadh gur e pròiseas mall a th' air a bhith ann, agus aig amannan gu bheil e air a bhith deuchainneach, ach tha mi toilichte a ràdh gun do rinn sinn adhartas suabsinnteach sna mìosan a dh'fhalbh," thuirt Cathraiche na Buihdne Stiùiridh, Iain Maher.

"Tha sinn an-dràsta ag obair a dh'ionnsaigh baileat a chumail ro dheireadh na bliadhna.

"Chan fhada gum bi an sgrùdadh comais againn ullamh; thèid torraidhean an sgrùdaidh sin fhoillseachadh aig sreath de choinneamhan poblach as t-Fhoghair.

"Chuir e iongnadh oirnn na tharraingeas an oighreachd a-steach de dh'airgead gach bliadhna.

"Nan gabhadh a' choimhearsnachd sealbh dh'fhanadh an t-airgead sin san eilean, far an gabhadh a chur gu feum air pròiseactan air an co-dhùin muinntir an àite, a chùm maith na coimhearsnachd san ùine fhada.

"Mu choinneimh seo, tha sinn ag iarraidh bheachdan bho dhaoine a tha a' fuireach san sgìre agus aig a bheil molaidhean no smuaintean air mar a dhèanadh a' choimhearsnachd am feum a b' fheàrr den teachd-a-steach sin, agus mar a bu chòir gnothaichean a ruith às dèidh dhuinn an oighreachd a cheannach.

"Tha sinn a' cur bhuidhnean aire air dòigh, a choimheadas nas dluithe ri trì roinnean sònraiche a thaobh na h-oighreachd: Taigheadas, Eaconamachd agus Croitearachd," thuirt e.