Seann nàimhdean gus strì an Taigh an Uillt

  • Air fhoillseachadh
Caol Bhòid is Inbhir AoraTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
B' e 6-2 a bh' ann dha Caol Bhòid sa chuairt dheireannaich ann an 2014.

Thèid na seann nàimhdean Caol Bhòid is Inbhir Aora an aghaidh a chèile uair eile Disathairne sa chuairt dheireannaich de Chupa Comann Ceilteach Ghlaschu.

Tha smachd làidir air a bhith aig an dà sgioba seo air an fharpais bho thoiseach na linne seo.

Cha robh ann ach aon turas bhon uairsin - nuair a bhuannaich Camanachd an Òbain ann an 2005 - nach deach prìomh chupa a' chinn a deas air ais a Thaigh na Bruaich air neo Inbhir Aora.

Bhuannaich Inbhir Aora 9 tursan eadar 2001 is 2010, ach le buaidh 6-5 air Inbhir Aora sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd ann an 2012, ghabh Caol Bhòid an àite mar phrìomh sgioba na sgìre.

Tha iad ag amas air a' Chupa Cheilteach a bhuannachadh 'son a' cheathramh turais ann an sreath, is tha deagh adhbhar aca a bhith misneachail.

Làidir

Tha sgioba Thaigh na Bruaich a' dol gu làidir san lìog, is iad air dìreach aon gheama a chall thuige seo, is tha iad fhathast anns an dà chuid Cupa na Camanachd is Cupa MhicAmhlaidh.

Bheir iad sgioba làidir dhan chuairt dheireannaich ann an Taigh an Uillt Disathairne.

Tha iad air Ruairidh Dòmhnallach ainmeachadh am measg an luchd-dìon a-rithist, is bidh e inntinneach an ann an sin dha-rìribh a chluicheas an Dòmhnallach - duine a tha air sgrios a dhèanamh air Inbhir Aora ann an geamaichean mòra roimhe - no an till e air ais gu ceann eile na pàirce.

Bidh cruth eadar-dhealaichte air sgioba Inbhir Aora an taca ri mòran de na geamaichean mòra sin.

Tha iad a-nise fo stiùir Ruairidh Ghreumaich is e a' feuchainn ris an sgioba ùrachadh.

Tha feadhainn a bha thall sa chunnaic fhathast aca, leithid Garry is Dhàibhidh Mhic a' Phearsain, Dùbhlas Dando is Dàibhidh Robasdan, ach tha gu leòr ann a chluicheas sa chiad chuairt dheireannaich aca.

Nam measg bidh na deugairean Scott MacLachlainn, Ross is Lewis MacGumaraid is Friseal Watt.

Bheir an tàlant a th' aig an òigridh sinn dòchas dha Inbhir Aora, is gu dearbh mar a rinn iad an gnothach air sgioba eile bhon Phrìomh Lìog, Camanachd an Òbain, nas tràithe air an t-seusan.

Misneachd

Tha misneachd an sin gun tig là Inbhir Aora a-rithist.

'S dòcha gu bheil Disathairne, is sgioba làidir bho Chaoi Bhòid nan aghaidh, ge-tà, car tràth dhaibh.

'S e Deek Camshron an rèitire a bhios ann agus 's e a' chiad reitire a gheibh urram ùr.

Bho seo a-mach, gheibh an rèitire a bhios os cionn na cuairt deireannaich den chupa 'Duais Chuimhneachaidh Jack Asher'.

Bha ceangal làidir aig Mgr Asher, a chaochail an-uiridh, le iomain agus le Comann Ceilteach Ghlaschu.

Tòisichidh an geama ann an Taigh an Uillt aig 4:00f is thèid a chraoladh beò air BBC ALBA.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh