Ath-chuinge mu BhBC ALBA

  • Air fhoillseachadh
BBC ALBA

Tha taic air èirigh airson iomairt a tha ag iarraidh air a' BhBC deich uairean de thìde de phrògraman ùra a dhèanamh 'son BBC ALBA gach seachdain.

Thòisich am fear-iomairt, Art MacCarmaig, ath-chuinge an t-seachdain seo, is faisg air 600 air an ainmean a chur rithe thuige seo.

Tha a' bhuidheann MG ALBA mar thà air a ràdh gum bu chòir dhan BhBC barrachd phrògraman ùra a dhèanamh airson BBC ALBA.

Dh'iarr MG ALBA gum biodh deich uairean de thìde de phrògraman ùra ann gach seachdain, mar a tha am BBC a' dèanamh airson S4C sa Chuimrigh.

'S e dùblachadh a bhiodh an sin air na tha am BBC a' dèanamh an-dràsta.

Thuirt Mgr MacCarmaig nach eil airgead gu leòr ga chosg air BBC ALBA, is gu bheil cus ath-chraolaidhean ann.

Tha e ag iarraidh air Àrd-Stiùriiche a' BhBC, Tony Hall, is Cathraiche Urras a' BhBC, Rona Fairhead, co-dhiù 10 uairean de phrògraman ùra air BBC ALBA a thabhainn gach seachdain.

Dh'iarr e gum bi sin - agus goireasan a bharrachd dha BBC ALBA - air a sgrìobhadh ann an càirt ùr a' BhBC.

Thuirt neach-labhairt bhon BhBC gun do chuir iad molaidhean air adhart bho chionn dà mhìos nam freagairt air pàipear geal an riaghaltais air an t-seirbheis aca ann an Alba, is iad aig an dearbh àm mothachail air suidheachadh ionmhais a' BhBC, a tha gan fàgail ag amas air cha mhòr 20% a shàbhaladh.

Thuirt iad gun tig tuilleadh fiosrachaidh bhuapa a dh'aithghearr mu na planaichean airson craoladh air feadh na Rìoghachd Aonaichte, is gun dearbh iad an uairsin càite am bi e comasach dhaibh airgead a chosg.