Fosglaidh taigh-tasgaidh Chaisteil Leòdhais air an 14mh den Iuchar
- Air fhoillseachadh

Fosglaidh an taigh-tasgaidh agus tasglann aig Caisteal Leòdhais air an 14mh den Iuchar.
Tha pàirt den togalach fosgailte dhan t-sluagh mu thràth, ach an ceann trì seachdainnean, fosglaidh an taigh-tasgaidh gu lèir le taisbeanaidhean air iasad bho na taighean-tasgaidh nàiseanta agus fir-tàileisg Leòdhais aig a' mheadhan.
Thuirt Ceannard an Leasachaidh Eaconamaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Joe Mac a' Phì: "Tha sinn a' faireachdainn gu math toilichte - tha a h-uile duine air a bhith ag obair uabhasach cruaidh.
"Tha beatha anns an àite a-nis, agus b' e sin am prìomh amas - gum biodh beatha air a cur air ais dhan chaisteal.
"Tha an taigh-tasgaidh agus an tasglann ùr, agus a h-uile sgath a tha sin, gu bhith na phrìomh phròiseict dhan Chomhairle agus dhan choimhearsnachd, agus tha fìor bhuaidh eaconomaigeach gu bhith na chois agus tha e a' dol a chruthachadh obraichean do dhaoine."
Bha e cuideachd ag ràdh: "Bidh e ag obair mar taigh-òsta sònraichte, caisteal agus bidh margaidheachd mhòr na chois, agus bidh sin na bhuannachd dhan ghnìomhachas gu lèir."