Ceistean Pàrlamaid mu Choimisean na Croitearachd
- Air fhoillseachadh
Tha Ball-Pàrlamaid Albannach Earra-Ghàidheal is Bhòid air grunn cheistean a chur sìos ann am Pàrlamaid na h-Alba, agus e ag ràdh gu bheil e a' dèanamh dragh mhòir dha mar a tha Coimisean na Croitearachd air a bhith a' cur laghan croitearachd an sàs.
Tha Mìcheal Ruiseal - a bha roimhe na mhinistear airson croitearachd - ag ràdh gu bheil tòrr ghearainnean a' tighinn às an sgìre aige fhèin, a thuilleadh air mar a th' air tachairt a thaobh cuid de chomataidhean ionaltraidh ann an Leòdhas.
Agus tha e ag ràdh gun tèid na draghan sin a thogail aig coinneimh Buidheann Thar-phàrtaidh na Croitearachd sa Phàrlamaid an ath-sheachdain.
Tha Mgr Ruiseal air ceistean a chur sìos airson na Pàrlamaid leithid a bheil fhios aig an Riaghaltas gu bheil tòrr dragh ann mun chùis, agus a bheil beachd aig an Riaghaltas air na thuirt Àrd-Oifigear Chaidreachas Chroitearachd na h-Alba nach robh an Coimisean a' dol a rèir mar a bha a' Phàrlamaid ag iarraidh.
Rannsachadh
Tha e cuideachd a' faighneachd a bheil an Riaghaltas a' dèanamh cinnteach gu bheil an Coimisean ag obrachadh ann an dòigh a tha cunntachail agus follaiseach, agus a bheil fios aig an Riaghaltas mu dheidhinn mar a dh'fhalbh fear de bhuill a' Choimisein bho chionn ghoirid agus dè na h-adhbharan a chaidh a thoirt seachad airson sin.
"Tha croitearachd gu math cudromach ann an Earra-Ghàidheal is Bòd," thuirt Mgr Ruiseal.
"Cha chreid mi gu bheil Earra-Ghàidheal is Bòd air a dheagh fhrithealadh ma tha coimisean ann far a bheil càineadh làidir ga dhèanamh air riaghladh a' Choimisein, air an dòigh sa bheil an Coimisean ag obair, agus mar a tha iadsan a' cur an sàs an lagha.
"Feumar seo a rèiteachadh.
"Saoilidh mi, seach rannsachadh farsainn a bhith ann air a' Choimisean, gu bheil ceistean mu dheidhinn riaghlaidh, agus ceistean mu dheidhinn cleachdaidh a dh'fheumas freagairt.
"Saoilidh mi gum bu chòir don mhinistear ceistean cruaidh a chur air a' Choimisean, air an Fhear-Ghairm, air an Àrd-Oifigeach, agus feuch a riarachadh fhèin gu bheil riaghladh a' Choimisein ann an deagh òrdugh.
"Cha chreid mi gu bheil, agus saoilidh mi gum biodh e doirbh sin a dhèanamh.
"Sin an dòigh a bu chòir an uair sin atharrachadh a thoirt air cùisean.
"Saoilidh mi gu bheil sinn a' tighinn gu ìre far a bheil mòran dhaoine air am misneachd a chall sa Choimisean.
"Saoilidh mi gu bheil e mar fhiachadh air a' Choimisean a' mhisneachd sin a thoirt air ais.
"B' e dòigh gu math lobasta air sin a dhèanamh, feumaidh mi a ràdh, a bh' anns a' bhrath a sgaoil iad an t-seachdain seo chaidh. Rud a chur a-mach am measg BhPA agus a ràdh "faodaidh sibh seo a sgaoileadh gu ge b' e cò a dh'iarradh sibh" - cha chreid mi gur e sin an dòigh freagairt a thoirt iar càineadh.
"Saoilidh mi gu bheil suidheachadh draghail againn, a tha a' cur bacadh air obrachadh ceart siostam na croitearachd. Tha an Coimisean aig cridhe an t-siostaim sin, agus feumaidh sinn gnìomh a-nis," thuirt e.