Gainnead uisge an Uibhist a Deas

Uisge an tap

Tha Uisge na h-Alba a' dol a chur pìob eadar Beinn nam Fadhla agus Uibhist a Deas airson dèanamh cinnteach gun cùm iad uisge glan aig gach dachaigh.

Anns na seachdainean a dh'fhalbh, tha glè bheag de shileadh air a bhith ann an Uibhist, agus tha na tha de dh'uisge ann an Loch Iarras an Uibhist a Deas air tuiteam gu mòr.

Cuideachd tha Uisge na h-Alba air sgrìobhadh gu muinntir an àite ag iarraidh orra uisge a chùmhnadh.

Thòisich obair madainn Diciadain san Ìochdar, far a bheil ceangal ris a' phrìomh phìob uisge a tha a' tighinn às Beinn nam Fadhla.

Thèid pìob a chur à sin, air uachdar na talmhainn gu deas gu ruige Loch Bì aig Gèirinis. Bidh a' phìob sin faisg air trì mìle de dh'fhaid, agus bidh i ann cho fad 's a tha feum oirre.

Bho thoiseach a' Chèitein am-bliadhna cha do thuit ach 80mm (3-4 òirlich) de dh'uisge ann an Uibhist, nas lugha na trian de na thuit aig an aon àm an-uiridh.

Tha Uisge na h-Alba a' coimhead airson aodion sam bith a th' air tighinn air na pìoban ann an Uibhist agus ga chàradh.