Càineadh air cùram aig an Ràthaig Mhòr

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Chaidh càineadh a dhèanamh air a' chùram a fhuair euslainteach a fhuair cruachan ùr aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Ghabh Ombudsam nan Seiribheisean Poblach ri sreath de ghearainnean a rinn an t-euslainteach, ag ràdh gun deach beatha an duine a chur ann an cunnart ri linn mar a chaidh dèiligeadh ris.

Chaidh aspirin a thoirt dha gus nach biodh stad fala na bhodhaig às dèidh na h-obrach-lannsa.

Thàinig air tilleadh dhan ospadal às dèidh cola-deug ge-tà, le stad fala na bhodhaig.

Thuirt an Ombudsman gu bheil stiùireadh nàiseanta ag innse nach eil aspirin freagarrach ann an cùis mar seo, is gun robh luchd-obrach air beatha an duine a chur ann an cunnart.

Thuirt e cuideachd gun robh còir aig an duine a bhith air drogaichean fhaighinn airson a phian a lùghdachadh nas tràithe na fhuair e.

Chaidh molaidhean a thoirt dha NHS na Gàidhealtachd gus nach tachair a leithid a-rithist, is chaidh innse dhaibh gum feum iad leisgeul an duine iarraidh airson laigsean sa chùram a fhuair e.