Croitean ùra an Asainnte

Asainnte Image copyright David Glass/Geograph

Thuirt Bunait Asainnte gu bheil iad a' gluasad air adhart le am planaichean airson croitean ùra a stèidheachadh san sgìre.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil e air a' bhith na amas aca bho thùs "na solais a thilleadh gu na glinn".

Tha a' bhunait coimhearsnachd ag ràdh gun cruthaich am plana cothroman teachd-a-steach do mhuinntir an àite, gun tàl e barrachd dhaoine gu obair an fhearainn, agus gur ma dh'fhaoidte gun cuidich e ann a bhith a' leasachadh thrioblaidean gainnead taigheadais.

Tha buidheann obrach an-dràsta a' rannsachadh làraichean ann an Druim Raonaidh, an Leathad Beag, Cnoc an Eich agus Gleann Canaisp far an gabhadh croitean de dhiofair mheudan stèidheachadh.

Tha iad cuideachd airson cluinntinn bho dhaoine le ùidh ann a bhith ag obarachadh nan croitean ùra ach an tèid aca air tomhais a dhèanamh air cò mheud croit a bhios a dhìth.

Aon uair 's gun tèid na croitean a stèidheachadh thèid pròiseas tagraidh foirmeil a chumail airson màladairean a thaghadh.

Tha a' bhunait cuideachd ag ràdh, ge b' i cò a thèid an roghnachadh aig a' cheann thall, nach urrainn dhaibh a bhith a' fuireach nas fhaide na fichead mìle bho na croitean aca.

Cha mhotha a bhios cead aca na croitean ùra a cheannach. Bidh iad air gabhaltas fad beatha an àite sin, le màl ri phàigheadh chun a' bhunait.