"Gabhaibh air ur socair" - Rhoda Ghrannd

Rhoda Ghrannd

Thuirt am BPA Làbarach Gàidhealach, Rhoda Ghrannd, gum bu chòir dhan phàrtaidh "socrachadh" às dèidh bhòt Brexit an t-seachdain seo chaidh.

Tha grunn Làbarach air an caibineat dùbhlain aig Westminster fhàgail is iad ag iarraidh air an ceannard, Jeremy Corbyn, a dhreuchd fhàgail.

Thuirt a' Bh.Ph. Ghrannd gu bheil i den bheachd gur e droch naidheachd a bh' ann an buil an referendum dha muinntir na Gàidhealtachd.

Bu chòir dhan Phàrtaidh Làbarach taic a thoirt dhaibh, seach a bhith a' sabaid nam measg fhèin, thuirt i.

"Tha e car coltach ri a bhith a' call cuideigin a tha faisg ort", thuirt a' Bh.Ph. Ghrannd.

"Faodaidh daoine tarraing còmhla, air neo a bhith ag argamaid mar theaghlach, is gu mì-fhortanach tha mi a' smaointinn gur e sin a tha sinn a' dèanamh.

"Tha mi an dòchas gun socraich cùisean is gun tig feadhainn air adhart is gum brosnaich iad am pàrtaidh gus smaoineachadh mun seo gu faiceallach, is mar as urrainnear buaidh a thoirt air na tha a' dol air adhart", thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile