An Cupa Ceilteach le Caol Bhòid

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Cupa do Thaigh na Bruaich

Chaidh Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu air ais a Thaigh na Bruaich 'son na ceathramh bliadhna ann an sreath is Caol Bhòid a' soirbheachadh 3-1 an aghaidh Inbhir Aora ann an Taigh an Uillt.

Cha b' urrainn dha Caol Bhòid a bhith air tòiseachadh na b' fheàrr, Donnchadh MacIlleChiar a' drilleadh a' bhuill dhan lìon gun fiù 's mionaid air a chluich.

Thàinig cothroman gu leòr às dèidh sin is b' e Scott MacLachlainn òg eadar na puist a chum Inbhir Aora sa gheama.

Rinn e sin, agus às dèidh 17 mionaidean fhuair iad iad fhèin air ais a-steach dhan gheama.

Thog Garry Mac a' Phearsain am ball às dèidh slaic-oisne is rinn e a shlighe a dh'ionnsaigh an tadhail.

Truinnsear

Chuir e an uairsin am ball air truinnsear, cha mhòr, do Lewis MacGumaraid, a leig air falbh slaic àrd dhan lìon.

Chuir am tadhal ud spionnadh ann an Inbhir Aora, is chluich iad an iomain as fheàrr aca den gheama eadar sin is letheach slighe.

Cha do ghabh iad brath air na cothroman, ge-tà, is le letheach slighe dìreach gu bhith ann, thàinig tadhal eile dha Caol Bhòid.

Rinn MacIlleChiar obair ionmholta gus am ball a chumail air a' phàirc às dèidh buille-saor is stiùir e e air ais dhan mheadhan.

Bha Sandy MacCoinnich an sin le oidhirp ìosal seachad air MacLachlainn.

Cha robh ìre a' chluiche cho àrd san dàrna leth agus cha robh ann ach aon tadhal.

Bùrach

B' e Caol Bhòid a fhuair e, Gòrdan Whyte leis às dèidh bhùrach mu choinneimh tadhal Inbhir Aora.

Thàinig càirt dhearg dha Anndra MacMhurchaidh aig Inbhir Aora goirid às dèidh sin, is an geama a' crìochnachadh 3-1 dha Caol Bhòid.

Chaidh MacLachlainn ainmeachadh mar shàr-chluicheadair a' gheama is gheibh Inbhir Aora na h-uimhir de mhisneachd bhon dòigh san do chluich e fhèin is an fheadhainn òga eile san sgioba.

Cha robh teagamh nach robh Caol Bhòid airidh air an duais, ge-tà, is a' chiad chupa aca den t-seusan air ais ann an Taigh na Bruaich.

Misneachd

Bidh iad nas misneachaile buileach a-nise gum faigh iad grèim air Cupa MhicAmhlaidh cuideachd, is Baile Ùr an t-Slèibh air a dhol a-mach às Disathairne.

Cha bhi Grand Slam aig a' Bhaile Ùr am-bliadhna, is Lòbhat, a rinn a' chùis orra 2-1, a-nise gus cluich an aghaidh Cheann Loch Seile, a chuir na Sgitheanaich a-mach 4-3 aig an deireadh-sheachdain.

Sa Phrìomh Lìog chaidh Camanachd an Òbain dhan mhullach ged nach d' fhuair iad ach puing à Loch Abar, na sgiobaidhean a' crìochnachadh 1-1.

Tha an Gearasdan ann an staing nas motha aig a' bhonn às dèidh dhaibh call 3-0 ri Ceann a' Ghiuthsaich.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh