BBC Naidheachdan

Duine a dhìth air Taobh Siar Rois

Published
image copyrightEile
Tha iomairt-teasairginn a' dol gus lorg fhaighinn air duine a bha a-muigh a' coiseachd air Taobh Siar Rois.
Thathas a' creidsinn gun robh Mark Flinn, 68, ann an Ciseorn agus air a' Chomraich.
Chunnacas mu dheireadh e a' fàgail far an robh e a' fuireach ann an Achadh na Tràghad mu 09:00m Didòmhnaich.
Thathas a' smaointinn gun robh e a' dèanamh air Beinn Bhàn agus Sgurr a' Chaorachain.
Thòisich sgioba-teasairginn Thoirbheartan ga lorg oidhche Dhòmhnaich.
Tha sgioba-teasairginn an RAF agus sgiobannan le coin ag obair còmhla riutha a-nise.
Thuirt na Poilis gu bheil Mgr Flinn 6'3", caol, le gruag dhonn/liath.
Tha e coltach gu bheil geansaidh fleece gorm no dearg air, fo sheacaid ghorm Gortex.
Bu chòr dha daoine le fiosrachadh sam bith mun chùis fios a chur air na Poilis air 101.