Duine a bha a dhìth air a lorg
- Published
image copyrightEile
Chaidh duine a bha a dhìth air Taobh Siar Rois a lorg.
Chaidh iomairt-teasairginn a chur air dòigh nuair nach do thill Mark Flinn, 68, dhan àite-fuirich aige Didòmhnaich.
Chunnacas mu dheireadh e a' fàgail far an robh e a' fuireach ann an Achadh na Tràghad mu 09:00m sa mhadainn.
Bha e a' dèanamh air Beinn Bhàn agus Sgurr a' Chaorachain.
Fhuair luchd-teasairginn lorg air Mgr Flinn Diluain.
Fhuair e cobhair meidigeach is chaidh a thoirt an uairsin dha Ospadal an Rathaig Mhòir ann an heileacoptair.
Thuirt na poils nach eil Mgr Flinn air a dhroch ghoirteachadh, is thug iad taing dhan phoball 'son an cuideachadh leis an iomairt.