Buille dhan Taobh Siar
- Air fhoillseachadh

Bha buille ann dhan Taobh Siar - agus dòchas dha na sgiobaidhean eile - ann an Lìog Leòdhais oidhche Luain.
Rinn an Taobh Siar an t-slighe ghoirid a Chnoc a' Choilich 'son a dhol an aghaidh nan nàbaidhean aca, Càrlabhagh, is na Siaraich gun geama a chall san lìog a' dol a-steach dhan dearbaidh.
Thàinig a' chiad tadhal às dèidh leth uair de thìde agus 's iad Càrlabhagh a fhuair e.
Chaidh DI MacIllinnein a leagail sa bhocsa is breab-peanais aig Càrlabhagh.
Dhrill Dòmhnall MacAoidh am ball dhan lìon is b' e 1-0 a bh' ann.
Cha do mhair sin fada, an Taobh Siar co-ionann ro letheach slighe tro oidhirp bho astar bho Luke MacAoidh.
Tràth
Thàinig an tadhal a bhuannaich an geama tràth san dàrna leth, Archie Dòmhnallach ga chur dhan lìon dha Càrlabhagh.
Bha cothroman gu leòr aig gach taobh às dèidh sin, ach cha robh tadhail a bharrachd ann, is Càrlabhagh a' buannachadh 2-1.
Ghabh an Rubha brath air na thachair aig Cnoc a' Choilich, na Deargaich a' toirt pronnadh air United 7-0, Ally MacÌomhair agus Alasdair Dòmhnallach le chèile le hat-trick.
Tha sin a' fàgail an Rubha agus na Lochan còmhla air 16 puingean, le chèile 4 puingean air cùl an Taobh Siar, ach na Siaraich air dà gheama a bharrachd a chluich.
Sa gheama eile ann an Lìog Leòdhais oidhche Luain, rinn Nis an gnothach air a' Bhac 1-0.
'S e Josh Harris a fhuair an tadhal cudromach tràth san dàrna leth.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An t-Iuchar 2017