Comhairle mu ghainnead bhùirn an Leòdhas
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr Uisge na h-Alba air daoine ann an sgìre Loch a Tuath ann an Leòdhas cùram a ghabhail mu na tha iad a' cleachdadh de bhùrn ri linn cho tioram 's a tha an t-sìde air a bhith.
An t-seachdain seo chaidh, chaidh an aon chomhairle a thoirt do mhuinntir Uibhist a Deas.
Dh'innis Uisge na h-Alba an uairsin gun robh iad a' cur pìob uisge eadar Beinn nam Fadhla agus Uibhist a Deas agus sgaoil iad litir gu còrr air mìle dachaigh ag iarraidh air daoine a bhith a' cùmhnadh bhùrn ri linn cho beag uisge 's a tha air a bhith anns an eilean.
Tha iad a-nis air an aon chomhairle a' sgaoileadh gu còrr air mìle dachaigh ann an Leòdhas a tha a' faighinn an cuid bùirn bho ionad Uisge na h-Alba ann an Gleann Tholastaidh.
Chuir Uisge na h-Alba litirichean gu muinntir Tholastaidh bho Thuath, Ghriais agus a' Bhac.
Thuirt Uisge na h-Alba nach eil iad ach a' feuchainn a bhith faiceallach an-dràsta agus gun cùm iad sùil air ìre an uisge anns na h-eileanan air fad.