Làrach ùr 'son Prìosain ùir Inbhir Nis

Chuir Seirbheis Phrìosan na h-Alba stad rè ùine air co-chomhairle mu phrìosan ùr Inbhir Nis a thogail ann an sgìre Mhuilinn an Leigheis leis gu bheil iad a' sgrùdadh làraich ùir.

Thàinig seo às dèidh do mhuinntir na sgìre cur an aghaidh a' phlana 'son a' phrìosain ùir.

Tha Seirbheis Phrìosan na h-Alba ag ràdh gu bheil feum air prìosan ùr ann an Inbhir Nis.

Ghabhadh e àite Phrìosain Phorterfield a tha am measg an fheadhainn as sine agus as lugha ann an Alba, agus a tha 112 bliadhana de dh'aois.

Chomharraich an t-seirbheis làrach ann an sgìre Mhuilinn an Leigheis faisg air an A9 airson a' phrìosain ùir.

Ach, às dèidh dha mòran dhaoine san sgìre gearain gun toireadh e droch bhuaidh air a' choimhearsnachd, agus às dèidh dhan uachdaran làrach eile a thabhann, chuir iad stad air a' cho-chomhairle rè ùine.

Thuirt Seirbheis Phrìosan na h-Alba gun dèan iad làn-sgrùdadh a-nis air an làraich ùir nach robh ri fhaotainn thuige seo agus gum bi fios ro dheireadh na bliadhna a bheil i freagarrach.