Coinnichidh eileanaich ri Rùnaire na Cumhachd

Tuath gaoithe

Nì Comhairle nan Eilean Siar iomairt airson taic airgid cumhachd ath-nuadhachail sònraichte dha na h-eileanan, nuair a choinnicheas iad ri Rùnaire Cumhachd Bhreatainn, Amber Rudd, Diardaoin.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu feum iad tuilleadh airgid leasachaidh bho Dhùn Èideann agus Lunnainn leis gun caill iad taic nuair a dh'fhàgas Breatainn an t-Aonadh Eòrpach.

Thuirt fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gur e seo an t-àm airson na ceanglaichean a tha iad air a dhèanamh leis an dà riaghaltas tron iomart "Ar 'n Eileanan ri Teachd" a neartachadh.

Thòisich an iomairt airson coir nan eilean a thoirt gu aire nan riaghaltasan ann an Dun Eideann agus Lunnainn bho chionn trì bliadhna.

Le Breatainn a-nis air bhòtadh tarraing a-mach às an Aonadh Eòrpach dh'fhaodadh sin a bhith a' ciallachadh gun caill eaconamaidh nan eilean nam milleanan notaichean.

Thuirt Mgr Dòmhnallachadh nach eil teagamh sam bith ann gu bheil atharrachaidhean gu bhith ann.

"Dè cho aithghearr sa thachras na atharrachaidhean sin, chan eil càil a dh'fhios agus bi sin co-cheangailte ri dè na co-dhunaidhean a nì gach cuid, an riaghaltas ann an Lunnainn agus ann an Dùn Èideann, mu dheidhinn an t-slighe air adhart.

"Ach tha sinne airson a bhith glè chinnteach gum bi suidheachadh nan eilean, Eileanan Arcaibh, Eileanan Shealtainn agus na h-Eileanan Siar, gum bi iad mar phàirt de na còmhraidhean a tha sin a bhios a' dol air adhart thairis air na mìosan agus, 's dòcha, bliadhnachan a tha romhainn," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Gealltanas

Nuair a choinnich iad ris a' Mhorair Dunlop, a tha na mhinistear ann an Riaghaltas Westminster, ann an Arcaibh Diluain, fhuair na h-eileanan gealltanas às ùr bhoithe gu robh an riaghaltas fhathast airson cuideachadh agus cumhachdan a bhuileachadh air na h-eileanan - ged nach eil e soilleir dè a tha sin a' ciallachadh a thaobh airgid.

Dh'fhaodadh na h-eileanan airgead a chosnadh bho chumhachd ath-nuadhachail ach leis an riaghaltas Tòraidheach ann an Westminster air na tha ri fhaotainn airson sin a ghearradh ach tha eagal ann gur ann eu-coltach a tha e gun tig an taic a tha sin.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil cumhachd ath-nuadhachail mar phrìomh chuspair taobh a-staigh na h-iomairt aca agus gu bheil iad a' faicinn adhartais ga dhèanamh ann an sin.

Bidh cuspairean co-cheangailte ri cumhachd ath-nuadhachail aig cridhe na còmhraidhean a bhios aca sa choinneimh le Rùnaire Chùmhachd Bhreatain, Amber Rudd, Diardaoin.

Image caption Bha Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach a' riochdachadh an ùghdarrais ionadail aig Àrd-choinneamh nan Eilean ann an Arcaibh.

"Bidh sinn an dòchas gum bi fuasgladh againn air tòrr dha na rudan sin co dhiu ro dheireadh na bliadhna a tha seo.

"Thairis air na sia mìosan a tha romhainn feumaidh sinn fuasgladh fhaighinn air na ceistean a tha sin gu tur ma tha sinn a' dol a dh'fhaicinn leasachadh cumhachd ath-nuadhachail a' tachairt anns na h-eileanan san àm a tha ri teachd ," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Tha cuid sna h-eileanan ag ràdh gur e gòraich a bhiodh ann dhan riaghaltas gun cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh sna h-eileanan le cho mì-chinnteach sa tha ceist na cumhachd a' fàs.

Tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh nach eil e a' dèanamh diofar dhan chomhairle a bheil Breatainn taobh a-muigh neo taobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich ag ràdh nach eil àite eile san Roinn Eòrpa coltach ri na h-eilean airson stòras cumhachd ath-nuadhachail.

Ma dh'fhàgas Breatainn an t-Aonadh Eòrpach, agus tha a h-uile coltas gum fàg, bhiodh Mgr Dòmhnallach a' suileachadh gum biodh àite mòr aig na h-eileanan ann a bhith a' cruthachadh cumachd airson na Rìoghachd Aonaichte san fharsaingeachd.

Adhartas

Chaidh riochdairean nan Eilean às àicheadh gur e còmhraidhean gun bhrìgh a bh'anns na coinneamhan seo.

Thuirt iad gu bheil iad a' dèanamh adhartais agus gun do gheall am Morair Dunlop gun tig adhartas ann a bhith a' ceangal nan eilean ri eaconamaidh an t-saoghail.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil barrachd chòmhraidhean air a bhith aca le riaghaltasan Dhùn Èideann agus Lunnainn thar na 18 miosan a chaidh seachad na bh'aca sna 18 bliadhnachan mu dheireadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn mur thar a' faicinn toraidhean nan còmhraidhean a tha sin.

"Ach na rudan bunaiteach a tha sinne a' coimhead ris an-dràsta a thaobh cumhachd ath-nuadhachail agus cuideachd ceangalan buinn-leathainn, se a bhith a' dèanamh cinnteach às gu bheil e gu bhith comasach dha na coimhearsnachdan a bhith a' toirt air adhart leasachadh, a' cleachdadh, gach cuid cumhachd ath-nuadhachail agus an stòras a thig an luib sin, agus cuideachd am bann-leathann a neartachadh dhan h-uile coimhearsnachd anns na h-eileanan.

"Sin na rudan a tha sin a' coimhead ris agus tha sinn air adhartas a dhèanamh, ach tha tuilleadh ri dhèanamh air a' bhliadhna a tha romhainn," thuirt Mgr Dòmhnallach.