Inbhe na Gàidhlig "fa-leth bhon EU"

Brataichean Image copyright Getty Images

Cha bu chòir gun toir a' bhòt airson an EU fhàgail buaidh dhìreach air a' Ghàidhlig a thaobh Cairt Eòrpach nam Mion-Chànan, a rèir an eòlaiche lagha eadar-nàiseanta Rob Dunbar.

Leis gur ann an urra ri Comhairle na h-Eòrpa a tha a' Chairt, seach an t-Aonadh Eòrpach fhèin, cha bu chòir atharrachadh tighinn air, tha e ag ràdh.

Ach, thuirt e gum faodadh buaidh neo-dhìreach a bhith ann a thaobh cheistean eaconamach agus eile.

"Tha inbhe na Gàidhlig stèidhichte air a' Chairt, agus air cùmhnant eile aig Comhairle na h-Eòrpa, am "Framework Covnention for the Protection of National Minorities", thuirt Mgr Dunbar.

"'S iad an dà chùmhnant eadar-nàiseanta a thaobh còirichean nan Gàidheal, còirichean na Gàidhlig, agus 's e cairtean a tha ceangailte ri Comhairle na h-Eòrpa - buidheann eadar-nàiseanta eadar-dhealaichte bhon Aonadh Eòrpach.

"Tha 47 stàit ann an Comhairle na h-Eòrpa, agus aig an ìre seo chan eil rùn aig Breatainn tighinn a-mach à Comhairle na h-Eòrpa, no gu dearbha às an dà chùmhnant sin.

"Ach cha ruig thu leas a dhol fada air Ghàidhealtachd, no anns na sgìrean dùthchail gun a bhith a' faicinn na taice a tha an t-Aonadh Eòrpach a' cumail ri leithid bun-structair agus iomadach rud eile, agus air sàilleabh sin tha mi a' smaointinn gur dòcha gum biodh buaidh neo-dhìreach air a' Ghàidhlig air sàilleabh na taic-airgid a tha a' cumail taic ris na sgìrean far a bheil daoine a' bruidhinn nam mion-chànanan," thuirt e.