Raasay
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh a' leantainn mu sheirbhis bhanaltraim Ratharsair

28 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh a' leantainn ann an Ratharsair mu sheirbhis bhanaltraim an eilein, agus iomagain air a choimhearsnachd nach eil iad a'faighinn an dearbh sheirbhis sa bha 'd a faighinn roimhe.

A-rèir stiùireadh-obrach NHS na Gàidhealtachd, cha bu chòir don bhanaltram deiligeadh ri suidheachaidhean èiginneach agus gum bu chòir dhaibh cùram a' thoirt seachad do dh'inbhich a-mhàin.

Tha a choimhearsnachd ag ràdh ge-ta nach deach ìnnse dhaibh mun a seo roimhe.

Thuirt an NHS gu bheil an stiùireadh-obrach air a bhith ann bho 2008 's nach eil atharrachadh air tighinn air an t-seirbhis.

Tha Calum MacIlleathain ag aithris