Ceist ùr mu Choimisean na Croitearachd
- Air fhoillseachadh

Thuirt eòlaiche air lagh an fhearainn nach robh cead laghail aig Coimisean na Croitearachd constabail a chur an àite chomataidhean ionaltraidh.
A rèir Dhòmhnaill Rennie, a tha na cheann-suidhe urramach air Comhairle Laghan Dùthchail na h-Eòrpa, chan eil e ceadaichte nas motha na constabail a phàigheadh.
Sgaoil Mgr Rennie litir fhosgailte mun bhuaireadh a tha air a bhith a' cuairteachadh Choimisein na Croitearachd anns na mìosan a chaidh seachad.
Chuir an Coimisean comataidhean ionaltraidh ann am Mangurstadh is Col Uarach ann an Leodhàs ma sgaoil, is chaidh constabail a chur nan àite.
Thuirt an Coimisean roimhe gu bheil iad cinnteach gu bheil na rinn iad ceart, ach nach urrainnear a' chùis a dhearbhadh ach ann an Cùirt an Fhearainn.
Thuirt Mgr Rennie, ge-tà, gu bheil Achd nan Croitearan (1993) a' sealltainn nach eil cumhachd aig Coimisean na Croitearachd constabail a chur an sàs ann an suidheachadh mar seo.
Cead
Tha e ag ràdh gu bheil an achd a' toirt cead dhan Choimisean constabail a chur a-steach cho fad 's nach deach comataidh a stèidheachadh sa chiad dol a-mach, agus cho fad 's nach eil coltas sam bith ann gu bheil croitearan gus comataidh a chur air chois.
Thuirt e gu bheil an lagh ag ràdh ma 's e is gu bheil an Coimisean a' cur comataidh, no buill de chomataidh, às oifis, gum feum iad comataidh ùr no buill ùra a chur nan àite.
Chan eil dad san achd, thuirt e, mu chonstabal a chur an sàs ann an suidheachadh den t-seòrsa seo.
Tha e cho follaiseach, thuirt e, is nach biodh adhbhar idir ann a dhol a Chùirt an Fhearainn.
Tha sin a' fàgail, tha Mgr Rennie a' cumail a-mach, gu bheil na rinn Coimisean na Croitearachd mì-laghail, is gu bheil na constabail iad fhèin mì-laghail.
Pàigheadh
Thuirt e gum biodh e cuideachd mì-laghail na constabail a phàigheadh, is mì-laghail dhaibh fhèin airgead a ghabhail.
Thuirt Coimisean na Croitearachd gu bheil iad làn-earbsach gu bheil iad a' cumail ris an lagh.
Tha iad a' dèanamh a h-uile dad ann an dòigh laghail, thuirt iad.
Thàinig am beachd ùr seo air adhart is Comataidh Croitearachd Pàrlamaid na h-Alba gus coinneachadh Diciadain.
Bidh suidheachadh Choimisean na Croitearachd am measg nan rudan air am bi iad a' beachdachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An Giblean 2016
- Air fhoillseachadh10 An Cèitean 2016