Comhairle na Gàidhealtachd a' deasbad Brexit

Soidhne Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid a' bhuaidh a bhios aig an referendum air ballrachd Bhreatainn san Aonadh Eorpach air sgìrean na Gàidhealtachd a thogail aig Comhairle na Gàidhealtachd Diciadain.

Bidh comhairlichean gu sònraichte a' bruidhinn air an iomagain a th'ann mun mhaoineachadh a bhios an sgìre a' faighinn às an Roinn Eòrpa.

Anns an Rìoghachd Aonaichte uile gu lèir bithear a' toirt barrachd airgid dhan Aonadh Eòrpach sa bhliadhna na thathas a' faighinn air ais.

Ach tha cuid a sgìrean a' faighinn buannachd shònraichte agus tha a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan nam measg.

Bidh sgìre Comhairle na Gàidhealtachd a' faighinn eadar £800m - £1bn sa bhliadhna eadar subsadaidhean àiteachais, maoin leasachaidh sgìreil na Eòrpa, agus eile.

Bruidhnidh comhairlichean air mar a bhòt sluagh Bhreatainn an t-Aonadh Eòrpach fhàgail agus thèid buidheann-obrach a stèidheachadh dhan chomhairle airson planaichean ullachadh às a dhèidh.

Thuirt ceannard na comhairle, an comhairliche Màiread NicDhaibhidh, gu feum iad a bhith dòchasach agus gum feuchadh iad ri cùisean a chumail seasmhach san àm ri teachd.