BBC Naidheachdan

Dragh mu sheirbheis taic dha sgoilearan

Published
Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid uairean obrach cuid dhan luchd-obrach a tha a' toirt taic do sgoilearan le feumalachdan sònraichte a ghearradh.
Bha an t-ùghdarras ionadail am beachd £300,000 mìle not a ghearradh bho bhuidseat na seirbheis, ach dh'atharraich iad am beachd agus dragh ann mun bhuaidh a bhiodh aige air clann.
Thuirt a' chomhairle nach deadh am buidseat a lùghdachadh.
Ach, tha atharrachaidhean fhathast gan cuir an sàs agus tha dragh air aonaidhean gun toir sin droch bhuaidh air seirbheisean ann an cuid a sgìrean.
Tha an t-ùghdarrais ionadail ag ràdh gum biodh an àireamh de luchd-obrach a rèir an àireamh chloinne a bhiodh a' cur feum air taic shònraichte.
Tha beachd ann gu robh cus luchd-obrach ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd agus nach robh gu leòr ri fhaotainn ann an ceann a deas na sgìre.
Le sin feumaidh cuid dhan luchd-obrach gluasad gu sgoiltean eile gus an tèid aig a' chomhairle an t-iarrtas a shàsachadh.
Dh'aidich Cathraiche Comataidh Foghlam Comhairle na Gàidhealtachd, Drew Millar, ge-ta, gun tèid uairean obrach feadhainn dhan luchd-obrach a shàsachadh.
Thuirt Mgr Millar cuideachd gur dòcha nach tèid aca air a h-uile sgoilear a chuideachadh agus an t-iarratas airson na seirbheis a' fàs.