Cha tèid sgìrean glèidhte mara a stad

Iasgach

Thuirt BPA an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair agus Bhàideanach, Ceit Fhoirbeis, nach eil toradh referendum an Aonaidh Eòrpaich a' ciallachadh gun tèid stad a chur air oidhirpean sgìrean glèidhte mara a stèidheachadh air taobh siar na h-Alba.

Dhearbh Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choinigean, gun tèid na planaichean airson sgìre ghlèidhte sna h-Eileanan Beaga fhoillseachadh san Lùnastal.

Chaidh an sgìre a chomharrachadh ri linn feusgan tearc a tha ri fhaighinn ann.

Chuirear dàil air na planaichean sa Ghearran an dèidh do dh'iasgairean gearain mu dheidhinn.

Thuirt Ceit Fhoirbeis gu bheil an Riaghaltas air a dhèanamh gu math soilleir gu bheil an dùthaich fhathast a' gabhail ri lagh an Aonaidh Eòrpaich agus gum bi fhad 's a tha còmhraidhean airson Breatainn a thoirt a-mach às an aonadh a' leantainn.

Thuirt i gu bheil Riaghaltas na h-Alba fhathast gu mòr a' gabhail ri targaidean an Aonaidh Eòrpaich air atharrachadh sìde agus an àrainneachd.

Ach tha i cuideachd ag ràdh gu bheil i a' dol a dhèanamh a dìcheill dèanamh cinnteach gum faigh iasgairean èisteachd.

Mairidh a' cho-chomhairle air sgìre ghèidhte nan Eilean Beaga ochd seachdainean.