NFUS a' sireadh ghealltanasan ri linn Brexit

  • Air fhoillseachadh
Crodh

Thuirt Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach ann an Alba gu bheil iad a' dol a dhèanamh cinnteach gun tèid guth nan tuathanach agus nan croitearan air feadh na dùthcha a chluinntinn fhad sa tha còmhraidhean a' dol gus Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach.

Tha an t-aonadh ag aideachadh gum bi cùisean gu math mì-chinnteach airson grèis ach tha iad ag ràdh gum feum tuathanaich feuchainn ri buannachd fhaighinn às na cothroman ùra a bhios ann.

Thuirt Ceann-suidhe an NFUS, Ailean Bowie, nach eil roinn eile ann a dh'fhairicheas buaidh Brexit cho mòr ri gnìomhachas an àiteachais.

"Bidh ar n-aire air na còmhraidhean airson an EU agus Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais fhàgail agus air na ceumanan a thèid a ghabhail ann am Breatainn airson rud a chuir nan àite.

"Tha sinn airson deanamh cinnteach bi roinn an àiteachais ann an Alba prothaideach agus farpaiseach," thuirt Mgr Bowie.

Ann an litir gu an cuid ballrachd tha an NFUS ag ràdh nach tig atharrachadh air taic airgid CAP am bliadhna neo an ath-bhliadhna.

An ceann beagan làithean foillsichidh a' bhuidheann liosta de ghealltanasan a tha iad a' sireadh bho riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba.

Tha iad cuideachd a' sgrìobhadh gu luchd-reic ag iarraidh orra taic a chuir ri obair àiteachais na h-Alba aig àm nuair a tha cùisean gu math riaslach.