"Feumaidh sinn barrachd airgid"

Toll Image copyright JEFF OVERS

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh airgead a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba airson rathaidean na sgìre a chàradh.

Coinnichidh riochdairean na comhairle ri Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, Diardaoin.

Sheall rannsachadh bho chionn ghoirid gum feum timcheall air £156m a chosg airson rathaidean na Gàidhealtachd a chàradh agus a chumail aig ìre.

Chan eil an t-airgead sin aig an ùghdarras, tha iad ag ràdh.

Thuirt cathraiche Comataidh nan Coimhearsnachdan, an Comh. Ailean MacEanraig, nach eil dòigh air thalamh gun urrainn dhaibh an leithid a chosg air na rathaidean.

Am-bliadhna, chuir iad £25m mu choinneamh nan rathaidean.

Buaidh

Tha an t-ughdarras ag ràdh nach urrainn dhaibh an còrr a chosg gun buaidh air foghlam, slàinte agus eile.

Iarraidh iad taic bho Humza Yousaf Diardaoin.

"Tha sinn a' faighinn airgead bhon Riaghaltas. Tha iadsan dhan bheachd gu bheil iad a' toirt dhuinn gu leòr, is tha sinn daonnan dhan bheachd gum bu chòir dhuinn barrachd fhaighinn", thuirt an Comh. MacEanraig.

"Feumaidh sinn argamaid a dhèanamh airson airgead a bharrachd.

"Tha fios aig an Riaghaltas gu bheil rathaidean air feadh na dùtcha feumach air obair-càraidh", thuirt e.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba roimhe gu bheil e an urra ri ùghdarrasan ionadail co-dhùnadh ciamar a thèid an t-airgead a gheibh iad bhon Riaghaltas a chosg.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile