"Dòchas" mu chomataidh ùr am Mangurstadh
- Air fhoillseachadh

Thuirt Coimisean na Croitearachd gu bheil iad an dòchas gun tèid comataidh ionaltraidh ùr a stèidheachadh ann am Mangurstadh anns na làithean ri thighinn.
Thàinig an naidheachd sin is an coimisean air an riochdachadh aig coinneimh de bhuidheann thar-phàrtaidh na croitearachd aig Pàrlamaid na h-Alba oidhche Chiadain.
Tha mì-thoileachas mòr air a bhith ann às dèidh dhan choimisean comataidhean ionaltraidh ann am Mangurstadh is Col Uarach a chur ma sgaoil.
Thog eòlaichean ceistean mu laghaileachd dol a-mach Choimisean na Croitearachd.
Chan eil fuasgladh air fàire ann an Col Uarach, is a' chùis a' dol dhan chùirt.
Adhartas
A rèir fhir de na coimiseanairean, Murchadh MacIllinnein, a bh' aig a' choinneimh, chaidh adhartas a dhèanamh a thaobh Mhangurstaidh.
"Tha sinn an dùil gu bheil Mangurstadh air a chur seachad a-nise, tha sinn an dòchas co-dhiu", thuirt Mgr MacIllinnein.
"Tha sinn air a bhith a' bruidhinn ri daoine is chaidh litir a-mach thuca Diciadain.
"Tha sinn an dòchas anns na làithean ri tighinn gun cuir iadsan comataidh ùr stèidhichte", thuirt e.
Ann am brath bhon fheadhainn a bha air comataidh Mhangurstaidh, thuirt iad gun robh an coimisean air aontachadh gur ann le deagh rùn a bha buill na comataidh tron bhuaireadh air fad.
Dhearbh iad gun robh an coimisean air innse nach bi constabal ionaltraidh san sgìre tuilleadh, is gun tuirt iad gun robh iad duilich mu "chomhairle eadar-dhealaichte" a thug iad seachad.
Thuirt an fheadhainn a bha air a' chomataidh gur e atharrachadh "iongantach" a bha seo bhon choimisean.
Thuirt iad gur e faochadh a th' ann dhaibh, ach nach gabh iad idir ri beachd gum bu chòir airgead nan comataidhean ionaltraidh a roinn a-mach.
Rannsachadh
Dh'iarr iad rannsachadh air Coimisean na Croitearachd, is soillearachadh air an lagh.
Thuirt an comhairliche Uibhisteach, Uisdean Robasdan, a bha e fhèin aig a' choinneimh, cuideachd gur e deagh naidheachd a bh' ann.
Thuirt an Comh. Robasdan, ge-tà, gu bheil na h-uimhir de cheistean ann fhathast, gu sònraichte a thaobh ionmhas nan comataidhean ionaltraidh, is mar bu chòir a làimhsicheadh.
Bha faireachdainn aig a' choinneimh cuideachd gum feum an lagh a th' ann a shoillearachadh, no fiù 's an t-achd atharrachadh.
"Tha seothach air a bhith na bhùrach ach aig an aon àm, tha còir againn feum a dhèanamh dhan bhùrach a bha seothach gu math nan croitearan fhèin", thuirt an Comh Robasdan.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil soillearachadh gu math feumail, air an lagh fhèin, agus dè dh'fhaodas tu cumail ann am baile agus dè a bu chòir a sgaoileadh a-mach.
Bailtean
"Tha bailtean ann, mar a chuala sinn a-nochd, aig a bheil suas ri £100,000, is feadhainn eile nach eil a' dèanamh ach beagan cheudan.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil dùil aig a' choimisean fiosrachadh a chur a-mach dha na bailtean uileag, is bhiodh sin gu math feumail", thuirt e.
Bha Caidreachas na Croitearachd cuideachd aig a' choinneimh.
Dh'innis iad gun do choinnich iad ris an Riaghaltas nas tràithe air an t-seachdain, is gun do dh'iarr iad ath-sgrùdadh modha air obair Choimisean na Croitearachd.
Thuirt Murchadh MacIllinnein gun ionnsaich an coimisean leasanan bho na thachair ann am Mangurstadh.
Tha coltas ann gum bi feum air sin agus an còrr ma tha iad gus earbsa nan croitearan gu leìr a choisinn às ùr.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 29 An t-Ògmhios 2016
- 10 An Cèitean 2016
- 4 An Cèitean 2016
- 28 An Giblean 2016