Brexit na "chothrom" dhan Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Thuirt fear de chomhairlichean na Gàidhealtachd gum bi buannachdan mòra ann dhan sgìre agus do Bhreatainn gu lèir nuair a dh'fhàgas an dùthaich an t-Aonadh Eòrpach.
Bhot an Rìoghachd 51.9% gu 48.1% gus an EU fhàgail.
Bha taic air a' Ghàidhealtachd, ge-tà, 56% gu 44%, 'son fuireach san aonadh.
Sin mar a bha e cuideachd anns na h-Eileanan an Iar le taic 55.2% gu 44.8% 'son ballrachd san EU.
Dragh
Nochd cuid dragh mar-thà mu bhuaidh Brexit air a' cheann a tuath.
Thuirt am BPA Gàidhealach, Ceit Fhoirbeis, gum faodadh a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan còrr is £100m a chall ri linn na bhòta.
Thuirt àrd oifigear Comhairle na Gàidhealtachd, Steve Barron, gum bi call cosnaidh an cois toradh na bhòta.
Thàinig beachd eile bho Alasdair MacFhionnghain, fear de chomhairlichean Inbhir Pheofharain is Shìophort.
"Cha robh mise toilichte leis an airgead a bha an Roinn Eòrpa a' toirt dhan Ghàidhealtachd", thuirt an Comh. MacFhionnghain.
"Bha na cosgaisean, a rèir is mar a bha iad ag obair, bha iad cus.
Duilgheadasan is cothroman
"Tha mi ag aideachadh gum bi duilgheadasan ann - ach bidh cothroman ann cuideachd", thuirt e.
Thuirt an Comh. MacFhionnghain gun robh e mothachail gun tàinig airgead Eòrpach gu leòr dhan Ghàidhealtachd, is gun do rinn e feum dha pròiseictean bun-structair gu sònraichte.
Thuirt e, ge-tà, gun robh cosgais a bharrachd ann dhan Rìoghachd a bhith san EU.
"Tha mise den bheachd gum faigh sinn an t-airgead sin agus gun cosg sinn e mar a bu chòir dhuinn anns a' Ghàidhealtachd", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh24 An t-Ògmhios 2016
- Air fhoillseachadh27 An t-Ògmhios 2016