Sgitheanaich ag amas air puingean

An Àird Image copyright Craig Wallace / Geograph
Image caption Tha na Sgitheanaich an dòchas tilleadh às an Àird le dà phuing.

Tha Camanachd an Eilein Sgitheanaich ag amas air geama lìge a bhuannachadh 'son a' chiad turas air an t-seasan seo nuair a theid iad dhan Ghearasdan Disathairne.

'S e theab is nach do theab a bh' ann dha na Sgitheanaich thuige seo, is iad a' cumail ceann a' mhaide ri na sgiobaidhean eile gun geama a bhuannachadh.

Chan eil ach air aona gheama a chall a-mach à sia san lìog, ach bha iad co-ionnan ann an gach geama eile.

Thàinig iad glè fhaisg a-rithist Disathairne ann an Cupa MhicAmhlaidh, Ceann Loch Seile a' buannachadh 4-3 aig Pàirc nan Laoch.

Leis a' Ghearasdan aig bonn na lìge, gun ach aona phuing aca, 's e cothrom a tha seo dha na Sgitheanaich dà phuing a thogail is sreap air falbh bhon bhonn iad fhèin.

Tha iad an dùil gun till Iain MacIlliosa is Coinneach Caimbeul dhan sgioba 'son a' gheama.

Cothrom

Aig ceann eile na lìge, tha cothrom aig Baile Ùr an t-Slèibh a dhol air ais dhan mhullach is iad a' cur fàilte air Loch Abar.

Dh'fhulang am Baile Ùr buille an t-seachdain seo chaidh nuair a chaidh iad a-mach à Cupa MhicAmhlaidh 2-1 aig an taigh ri Lòbhat.

Chuir sin às dhan amas a bh' aca gach farpais a th' ann a bhuannachadh am-bliadhna, is bidh iad a' sùileachadh freagairt làidir an aghaidh nan Abrach.

Bidh Lòbhat fhèin airson togail air an rinn iad nuair a thig na nàbaidhean aca Gleann Urchadain a Chill Targhlain.

Geama cudromach a tha seo do mhuinntir a' Ghlinne cuideachd, is iad ann an suidheachadh rudeigin dubhach san darna àite bhon bhonn.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog, thèid Ceann Loch Seile an aghaidh Cheann a' Ghiuthsaich sa Chlachan Aillseach.

Cupa MhicAmhlaidh

Ann an Cupa MhicAmhlaidh bidh Caol Bhòid aig an taigh an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal, is geama eile an aghaidh Inbhir Aora san amharc aca ma nì iad a' chùis.

Bidh darna sgioba nan Sgitheanach an aghaidh Shrath Ghlais ann am Port Rìgh.

Nì na Leòdhasaich oidhirp eile a' chiad gheama aca den t-seusan a bhuannachadh nuair a thig Loch Abar a Shiabost.

Geama doirbh eile dha na Leòdhasaich ann an sreath a tha air a bhith dùbhlanach dhaibh.

Dùbhlan ann no às, tha na Leòdhasaich a' tighinn air adhart, is bidh iad ag amas air sin a chumail a' dol Disathairne.

Cha bhi Will Church ann, ach tillidh Dòmhnall MacLaomainn dhan bhuidhinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile