A' chiad là den bhlàr
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Blàr an Somme

1 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha 100 bliadhna bho thòisich Blàr an Somme, fear de na blàran a b'fhuiltiche sa Chogadh Mhòr.

Mus tigeadh an oidhche air a' chiad là sin, bhiodh Arm Bhreatainn air a' chall a bu mhiosa nan eachdraidh fhulang - faisg air 60,000 saighdear air am marbhadh neo air an leòn.

Mhair am blàr ceithir mìosan gu leth, le còrr agus millean duine uile gu lèir marbh neo leòinte.

Nam measg bha grunn dhaoine às na h-Eileanan an Iar.

Tha an fheadhainn a thàinig beò às a-nis iad fhèin air bàsachadh ach tha clàraidhean prìseil de na guthan aca a' cuimhneachadh air an uabhas agus an àmhghar.

Chuir Eilidh NicLeòid an aithris seo ri chèile.