Iarrtas mu Mhalaig - Loch Baghasdail

  • Air fhoillseachadh
LOTI

Dh'iarr fear de chomhairlichean Loch Abair gum bi seirbheis-aiseig seachd là san t-seachdain eadar Malaig agus Loch Baghasdail thairis air mìosan a' Gheamhraidh.

Thàinig sgeama poidhleat a mhair trì bliadhna gu crìoch am-bliadhna, is seirbheis ann dà là san t-seachdain.

Ged a bha connspaid gu leòr an cois an sgeama - is seòlaidhean tric air an cur dheth - thòisich seirbheis ùr seachd là le clàr-ama an t-Samhraidh.

Tha i a' soirbheachadh thuige seo.

Sa chiad dà mhìos den t-seirbheis, chaidh 1,825 càr eadar Loch Baghasdail is Màlaig.

B' e àrdachadh 541 a bha sin an taca ris an t-seirbheis eadar Loch Baghasdail is an t-Òban aig an aon àm an-uiridh.

Thuirt Stòras Uibhist gur e dearbhadh a tha sin air cho soirbheachail sa bhios an t-seirbheis.

An-fhoiseil

Tha iad airson is gun lean i, ged a tha cuid ann an Uibhist an-fhoiseil nach eil ceangal dìreach aca dhan Òban a-nise.

A-nise tha an comhairliche Abrach, Ailean MacEanraig, air taic a chur ri iarrtas Stòras.

Tha e ag iarraidh gum bi seirbheis seachd là ann eadar Loch Baghasdail is Màlaig air a' Gheamhradh seo tighinn, is e ag ràdh gu bheil iarrtas mòr air a son.

Thuirt an Comh. MacEanraig gum bu chòir dhan bhàt'-aiseig cuideachd a bhith dol eadar Malaig agus Armadal tron làa mus till i a dh'Uibhist feasgar.

Thuirt fear-labhairt bho Chal Mac gu bheil iad ann an còmhradh le muinntir na sgìre mu clàr-ama a' Gheamhraidh.

Thuirt e gu bheil iad a' coimhead air an dòigh as fheàrr seirbheis sheasmhach a thoirt seachad, agus am bu chòir an t-seirbheis dhan Òban a chumail.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh