Coimisean "a' gabhail aithreachas"

  • Air fhoillseachadh
MangurstadhTùs an deilbh, Colin Smith/Geograph

Thuirt Coimisean na Croitearachd gu bheil iad a' gabhail aithreachas mun an dòigh anns an do dhèilig iad le baile croitearachd ann an Leòdhas.

Chuir an Comisean comataidh ionaltraidh Mhangurstaidh às oifis san Dùbhlachd a chaidh.

Ach tha iad a-nis air cead a thoirt dhaibh comataidh ùr a thaghadh, is dh'aidich iad gun robh a' chomhairle a thug iad seachad dhan chomataidh thairis air na bliadhnaichean troimhe-chèile.

"Gu nàdarrach tha muinntir Mhangurstaidh gu lèir toilichte gu bheil a' chùis a tha seo air a thighinn gu crìch mu dheireadh thall," thuirt Iain Bochannan, a tha na chroitear sa bhaile.

Faochadh

"Ach leis an fhìrinn innse, cha robh sinne a' smaoineachadh gun robh còir aige seo a bhith air a thighinn chun na h-ìre seo idir.

"Tha e follaiseach, dhuinne co-dhiù, nach do rinn am baile againne càil ceàrr, mì-laghail no mì-onarach.

"Tha e a' toirt faochaidh mhòir dhuinne gu bheil a' chùis a tha seo air a thighinn gu crìch.

"Tha mi cinnteach às gun seas a h-uile duine againn a bh' air a' chomataidh a-rithist.

"Duine sam bith a tha ri croitearachd sa bhaile againne, faodaidh iad seasamh agus a thighinn air a' chomataidh againn ma 's e sin an toil.

"Sheas sinne an-àirde ris a' Choimisean, chan ann dìreach airson a' bhaile againn fhìn idir, ach airson bhailtean croitearachd air feadh na sgìre, airson an cuideachadh le seo.

"Cha robh sinne riamh a' creidsinn, airgead a bhathas a' faighinn, grantaichean a bhathas a' faighinn bhon Riaghaltas airson ghnothaichean croitearachd, cha robh sinne riamh a' creidsinn gum bu chòir dhan airgead sin an uair sin a bhith air a thoirt dha daoine gu pearsanta airson falbh air saor-làithean dhan Charibbean no càr ùr a cheannach leis.

Iarrtas

"Bu chòir dhan airgead sin a tha a' tighinn dha na bailtean againne a bhith air a chur an sàs airson ghnothaichean croitearachd, agus mar sin air adhart.

"Sin a bha am baile againne a' dèanamh bho riamh, agus 's e sin a tha dùil againn cumail a' dol a' dèanamh," thuirt e.

Bha an eas-aonta eadar comataidh a' bhaile agus an Coimisean stèidhichte air comhairle a thug an Coimisean seachad air mar a bu chòir dèiligeadh ri airgead a thigeadh chun na comataidh bhon Riahgaltas - co-dhiù bu chòir dhan chomataidh an t-airgead a chumail, no a thoirt seachad do na croitearan fa-leth.

"Tha e gu math duilich airgead a thoirt dha duine nach eil ga iarraidh," thuirt Mgr Bochannan.

"Tha an ìre mhath a h-uile duine sa bhaile a tha seo air pàipear a shoidhnigeadh nach eil duine againn, duine de na croitearan anns a' bhaile co-dhiù, cho fad 's is aithne dhomhsa, ag iarraidh earrainn den airgead aca.

"Nise, ma thig duine agus gu bheil e ag iarraidh earrainn, faodaidh e fhaighinn.

"Ach a chuid as motha anns a' bhaile againne, mura h-eil a h-uile duine aca, tha iad air a ràdh nach eil iad ag iarraidh an airgid.

"Thug seo buaidh mhòr air a' bhaile againn. Tha na gnothaichean seo air a bhith a' dol air adhart bho chionn còig no sia bliadhna a-nis.

"Chan eil e air a bhith furasta dha duine sa bhaile againn," thuirt e.