Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gove

Thathar a' cur ìmpidh air Rùnaire a' Cheartais, Mìcheal Gove, tarraing a-mach à rèis cheannais a' Phàrtaidh Thòraidhich, an dèidh dha casg a chur air iomairt Boris Johnson. Thuirt Liam Fox, a tha cuideachd a' seasamh airson ceannas a' phàrtaidh, gun robh an àimhreit eadar Mgr Gove is Boris Johnson a' toirt air falbh bhon rèis fhèin. Thuirt am ball Coinneach Clarke nach robh ann ach "cùis mhagaidh" agus gum bu chòir Mgr Gove tarraing a-mach. Tha còrr air 70 Ball-Pàrlamaid Tòraidheach a-nise air taic a chur ri Theresa May. Tha dithis eile cuideachd a' seasamh: Andrea Leadsom agus Stephen Crabb.

Blàr ant-Somme

Chaidh dà mhionaid de shàmhchair a chumail air feadh na rìoghachd agus nas fhaide air falbh na sin mar chuimhneachan air gu bheil 100 bliadhna ann an-diugh bho thòisich Blàr an t-Somme. Tha tachartasan a' dol an seo agus anns an Fhraing mar chomharra air na mìltean mòra a chaill am beatha ann an aon de na batail as fuiltiche den Chiad Chogadh. Chaidh millean saighdear a mharbhadhn no a leòn uile gu lèir.

Malairt

Tha Coimiseanair Malairt an Aonaidh Eòrpaich, Cecillia Malstrom, air a ràdh gum feum an Rìoghachd Aonaichte an t-aonadh fhàgail mus urrainn dhaibh tòiseachadh air aonta malairt ùr a ruighinn leis a' bhuidhinn. Thathar a' tuigsinn gu bheil na thuirt i na shamhla air a' bheachd a th' aig an 27 ceannard de dhùthchannan an aonaidh a choinnich anns a' Bhruiseil Diciadain.

Rèile fo Thalamh

Tha rèile fo thalamh Ghlaschu a' dùnadh fad ceithir seachdainnean bho a-nochd airson obair-leasachaidh. Thuirt Compàirteachas Còmhdhail Shrath Chluaidh gu bheil an obair riatanach airson seirbheis choileanta a thabhainn anns na bliadhnaichean a th' air thoiseach. Thuirt iad gu bheil seo mar obair-ullachaidh air thoiseach air trèanaichean ùra às aonais dhràibhearan a bhios air an t-seirbheis bhon bhliadhna 2020. Bidh seirbheis bus air na slighean fhad 's a tha an obair-leasachaidh a' dol air adhart thairis air an ath-mhìos.