Seirbheis ùr Easyjet à Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Tòisichidh seirbheis àdhair ùr eadar Inbhir Nis agus Geneva san Eilbheis air a' Gheamhradh seo.
Bidh i air a ruith le Easyjet, le aon sheirbheis san t-seachdain aca, gach Disathairne.
Tòisichidh an t-seirbheis air an 5mh den t-Samhain.
Bha Flybe roimhe le seirbheis aca eadar Inbhir Nis agus Geneva eadar 2013 agus 2015.
Chuir stiùirichean Puirt-adhair Inbhir Nis, HIAL, fàilte air an naidheachd.