Uairean neo-àbhaisteach an Uibhist fo NHS 24

NHS 24 Image copyright NHS 24

'S e NHS 24 a bhios a' dèiligeadh ri euslaintich ann an Uibhist a Deas air taobh a-muigh uairean àbhaisteach bhon ath-mhìos.

Ghluais na h-ionadan dotair eile ann an Uibhist agus Beinn nam Fadhla chun na dòigh-obrach seo bho chionn bhliadhnaichean.

Tha ionad an dotair ann an Uibhist a Deas air a bhith a' ruith le aon dotair bho chionn grunn bhliadhnaichean.

Tha an dotair a th' ann ag ràdh gu bheil leithid de thrioblaid ann le bhith a' faighinn dotair locum airson seirbheis a thoirt seachad taobh a-muigh uairean àbhaisteach 's gu bheil feum a-niste NHS 24 a chleachdadh.

Bidh NHS 24 an urra ri gnothaichean ann an Uibhist a Deas eadar 6:00f agus 08:00m, agus fad an là 's na h-oidhche air an deireadh sheachdain, bhon 1mh là den Lùnastal.

Cuirear fios air NHS 24 air an àireamh fòn 111.

Ach ged nach ann air an dotair fhèin a chuireas daoine fios a-nis, bithidh dotair ann an Uibhist ri fhaighinn tro NHS 24 ma 's e agus gu bheil feum air ann an èiginn.