Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Farage

Tha Nigel Farage a' fàgail a dhreuchd mar cheannard air UKIP 's e ag ràdh gu bheil e air amasan poileataigeach a choileanadh le referendum na mìos a chaidh airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach. Thuirt Mgr Farage gum fuirich e mar bhall ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa gus an cùm e "sùil mhionaideach", thuirt e, air na còmhraidhean airson Breatainn a thoirt a-mach às an EU.

Saorannaich Eòrpach

Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Phillip Hammond, nach eil gealltannas sam bith ann gum bi cead aig daoine bho dhùthchannan an Aonaidh Eòrpaich fuireach ann am Breatainn an dèidh na bhòta airson an EU fhàgail. Thuirt Mgr Hammond gu bheil e an dòchas gum faod iad sin fuireach, ach nach eil cinnt sam bith ann gun tachair sin. Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, air sgrìobhadh mar thà dhan Phrìomhaire, agus dhan chòignear thagraichean airson ceannas nan Tòraidhean, ag iarraidh gealltanais do dh'Eòrpaich a tha a' fuireach an Alba.

Iasgairean

Coinnichidh riochdairean iasgaich na h-Alba ri Ministear an Iasgaich, Fearghas Ewing, an-diugh, a bhruidhinn air slighe air adhart dhan ghnìomhachas. Tha dùil gun innis iad do Mhgr Ewing gu bheil iasgairean airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail, ged a tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh Alba a chumail anns an EU mar a bhòt muinntir na dùthcha san referendum.

Iorac

Thuirt an Riaghaltas ann an Iorac gu bheil dearbhadh ann a-niste gun deach 165 a mharbhadh ann an ionnsaigh ann am Baghdad. Thuirt an Stàite Ioslamach gur iad a thug an t-ionnsaigh air sgìre thrang den bhaile tràth sa mhadainn an-dè. Thuirt am Prìomhaire, Haider al-Abadi, gun tèid tuilleadh tèarainteachd a chur aig crìochan a' bhaile.

NHS 24 Uibhist

Bidh an t-seirbheis fòn NHS 24 a' dèiligeadh ri euslaintich ann an Uibhist a Deas taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach bhon ath-mhìos. Ged nach bi daoine tuilleadh a' fònadh chun an dotair iad fhèin bithidh dotair fhathast ri fhaotainn ma bhios èiginn ann. Tha na h-ionadan dotair eile ann an Uibhist agus ann am Beinn nam Fadhla mar thà a' cleachdadh seirbheis NHS 24.

Càball a' Chuain Sgìth

Tha dùil ri fios an ceann beagan sheachdainnean am bi càball dealain ùr eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr am measg nam pròiseactan a gheibh taic an Riaghaltais ro dheireadh na bliadhna. Bha a' chùis am measg na chaidh a thogail aig còmhraidhean eadar riochdairean comhairle agus Rùnaire Chumhachd na Rìoghachd Aonaichte, Amber Rudd.