Atharrachadh sluaigh fon phrosbaig

Sabhal Mòr Ostaig Image copyright John Allan/Geograph

Coinnichidh buill de Chomataidh Chùisean na h-Alba aig Westminster anns an Eilean Sgitheanach Diluain.

Thèid fianais a thoirt seachad mun dòigh sa bheil sluagh na Gàidhealtachd ag atharrachadh.

Tha cuid a dh'àitichean air soirbheachadh ann a bhith a' cumail dhaoine òga, ach chan eil sìn fìor sa h-uile ceàrnaidh den sgìre.

Aig a' choinneimh, a thèid a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig, thèid èisteachd ri fianais bho ghrunn eòlaichean air dòighean a bhios slòigh ag atharrachadh.

Cluinnidh a' chomataidh gur e an t-Eilean Sgitheanach fear de na h-àitichean a tha a' soirbheachadh ann a bhith a' cumail dhaoine oga.

Dh'èirich sluagh an eilein bho 7,000 ann an 1971 gu 10,000 ann an 2011.

Ach tha cùisean eadar-dhealaichte ann an àitichean eile leithid Earra-Ghàidheal is Bòd, far a bheil dùil gun lùghdaich sluagh na sgìre 7% ro 2035.

Cluinnidh buill cuideachd mu na duilighdeasan an lùib sluagh a tha a' fàs nas sine, agus ciamar as urrainn do ghnìomhachasan tàlant a chumail ann an sgìrean den Ghàidhealtachd.